Sòdhaigh
Sòthaigh | |
Acarsaid Sòthaigh | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Innis-mhuir | An t-Eilean Sgitheanach |
Co-chomharran | 57° 9' 0" T 6° 13' 48" I |
Feartan fiosaigeach |
Cleachdaidhean eile aig Sodhaigh (soilleireachadh)
'S e aon de na h-eileanan anns na h-Eileanan a-staigh a tha ann an Sòdhaigh. Thàinig an t-ainm aige bhon fhacal Seann Lochlannais so-øy, a tha a’ ciallachadh “Eilean nan caoraich”.
Cruinn-eòlas
[deasaich | deasaich an tùs]Tha Sòdhaigh suidhichte dìreach san àird a deas an Eilean Sgitheanach, an t-eilean as motha de na h-Eileanan a-staigh. Tha an Soay Sound eadar an Eilean Sgitheanach agus Sòdhaigh. Tha Rùm san àird a deas dheth.
Tha Sòdhaigh cho farsaing ri 10,4 km2. Le 141 m a dh’àrd, 's e Beinn Bhreac a’ bheinn as motha a tha air an eilean. San àird a tuath tha Acarsaid Sòdhaigh agus san àird a deas tha Camas nan Gall ann. 'S e Mol-chlach faisg air cladach Camas nan Gall an clachan as motha, sa’ bhliadhna 2001 bha seachdnar a’ fuireach ann agus an sin 2011 dìreach aonar.[1]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]'Sa bhliadhna 1851 bha 158 de shluagh ann. Ach aig àm nan Fuadaichean, dh’fheumadh a-uile duine an eilean fhagail airson Sòdhaigh a chur fo chaoraich.[2]
Ann an 1946 cheannaich an sgrìobhadair Gavin Maxwell an t-eilean agus chuir e factoraidh air bhonn airson ola a dhèanamh à cearbanan mòra (Laideann: Cetorhinus maximus). Ach an dèidh trì bliadhnaichean b’fheudar dha am factoraidh a dhùnadh.[3]Gus na làithean an-diugh chan eil mòran cearbanan air fhagail timcheall air Sòdhaigh.
Ann an 1953 dh’imrich an cuid as motha de mhuinntir an àite a Mhuile. Bhon àm sin chan eil mòran dhaoine a’ fuireach ann.
B’ ann ann an Sòdhaigh a bha a’ ciad siostam fòn air feadh an t-saoghail a bha ag obrachadh le cumhachd na grèine.
Stampaichean
[deasaich | deasaich an tùs]Eadar 1965 is 1967 chaidh stampaichean air foillseachadh ann an Sòdhaigh. Bha iad a’ sealltainn ìomhaighean na h-Eòrpa. Bha cuid a' sealltainn Winston Churchill cuideachd. Ged a bha an fheadhainn seo foillsichte gun chead, tha cruinnichean-stampaichean gan iarraidh fhathast. [4]
Giùlan
[deasaich | deasaich an tùs]S’ urrainnear a dhol a Shòdhaigh le bàta à Ealaghol.
Leabhraichean
[deasaich | deasaich an tùs]- Reed, Laurance (2002): The Soay of our Forefathers (Beurla). ISBN 1-84158-229-8.
- Maxwell, Gavin (1998): Harpoon at a Venture. House of Lochar. ISBN 9781899863464.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “2011 Census: First Results on Population and Household Estimates for Scotland - Release 1C (Part Two)”. Air a thogail 15mh dhen Dàmhair 2023 (pdf).
- ↑ Perrott, David (1988): Guide to the Western Islands of Scotland. Edinburgh: Kittiwake. ISBN 0702808865.
- ↑ "Soay Overview". Gazetteer for Scotland. Retrieved 2007-07-22.
- ↑ "Modern British Local Posts CD Catalogue, 2009 Edition". Phillips. 2003. Retrieved 2008-12-08.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]Earra-Ghàidheal | Colla • Colbhasa • Diùra • Gòmastra • Ì Chaluim Chille • Ìle • Lios Mòr • Muile • Orasaigh • Stafa • Tiriodh • Ulbha |
An t-Eilean Sgitheanach | Ìosaigh • Longaigh • Pabaigh • Ratharsair • Rònaigh • An t-Eilean Sgitheanach • Sgalpaigh an t-Sratha • Sòdhaigh |
Na h-Eileanan Tarsainn | Canaigh • Eige • An t-Eilean Gainmhich • Eilean nam Muc • Haoisgeir • Rùm |
Na h-Eileanan Sglèata | Beul na h-Uamha • Eilean Èisdeal • Flada • Luinn • Saoil |
Na h-Eileanan Treisinis | Am Bac Beag • Am Bac Mòr • Flada, Treisinis • Lunga |