Eilean Orasaigh
'S e aon de na h-Eileanan a-staigh a tha ann an Eilean Orasaigh [1] (Beurla: Ornsay). Tha e suidhichte san àird an ear leth-eilean Slèite anns an Eilean Sgitheanach. Ma bhios a' mhuir air falbh, 's urrainnear coiseachd ann bho Eilean Iarmain. Tha e cho farsaing ri 35 heactair agus tha an t-àite as àirde cho àrd ri 46 meatair. Tha acarsaid nàdarra ann. 'S e seo na co-chomharran aige: 57° 8′ 48″ Tuath, 5° 47′ 12″ Iar. Chan eil duine sam bith a' fuireach ann.
Thàinig an t-ainm Orasaigh bhon fhacal Seann Lochlannais Örfirirsey, agus tha e a’ ciallachadh "Ebb island". [2]
Tha taigh-solais Orasaigh suidhichte ann an Eilean Sionnach, eilean beag dìreach faisg air Eilean Orasaigh. Chaidh a thogail anns a' bhliadhna 1857 le David agus Thomas Stevenson. [3]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ "Placenames", duilleag 67, Pàrlamaid na h-Alba (fo "Isleornsay")
- ↑ "Placenames", duilleag 93, Pàrlamaid na h-Alba
- ↑ Taigh-solais Orasaigh (Beurla)
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NG 710 125