Iain Latharna Caimbeul

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Iain Latharna Caimbeul
Beatha
Breith Earra-Ghàidheal, 1 dhen Dàmhair 1906
Dùthaich  Alba
Bàs Fiesole, 25 dhen Ghiblean 1996
Foghlam
Foghlam Sgoil Rugby
Dreuchd
Dreuchd eachdraiche, eadar-theangair, eòlaiche-ciùil agus tuathanach
Duaisean a fhuaras
Ballrachd ball Comann Rìoghail Dhùn Èideann
Clach-uaighe Iain Latharna Chaimbeil

'S e neach-clàraidh agus sgrìobhadair a bh' ann an Iain Latharna Caimbeul (1 an Dàmhair 190625 an Giblean 1996). Rinn e clàraidhean de bheul-aithris air a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan Siar leis a' chiad chuid de innealan-clàraidh a bha a-riamh ann tràth san 20mh linn.

Beatha[deasaich | deasaich an tùs]

Taigh Iain Latharna Caimbeul ann an Canaigh

Rugadh Iain Latharna Caimbeul ann an Earra-Ghàidheal 1 an Dàmhair 1906. B' e Donnachadh Caimbeul athair, a buntainn ri Clann Chaimbeil Chraignis agus Clann Theàrlaich. B’ e Ethel Harriot Waterbury a mhàthair agus b’ ann à Amaireagaidh a bha i. Fhuair Iain Latharna deagh sgoilearachd ann an Dùn Èideann agus às dèidh sin, chaidh e a dh’Àth nan Damh airson Eaconamaidh agus àiteachas ionnsachadh aig Colaiste Naomh Iain. Bha ùidh aige anns a’ Ghàidhlig bhon bha e òg air sgàth An Ollamh Friseal a bha an toiseach na Gamekeeper aig taigh athar agus an uair sin a thidsear aig an oilthigh. Thòisich iad clasaichean Gàidhlig prìobhaideach aig a’ Cholaiste le cuid oileanach eile. ’S ann bhon àm sin a bhuineadh a’ chiad leabhar aige Highland Songs of the Forty-Five, cruinneachadh de dh’òrain bho àm nan Seumasach ann an 1745. Chaidh fhoillseachadh ann an 1933 agus a-rithist leis an Scottish Gaelic Texts Society ann an 1948. Bha beachd làidir nàiseanta aig Iain Latharna air a’ Chogadh Seumasach air taobh nan Gàidheal, an cànain agus an cultair. Bha a shinnsearan am measg nan daoine a dh’fhàg Loch Abair Mùideart, Àrasaig, Uibhist a Deas, Barraigh agus na h-eileanan beaga eadar 1770 agus 1830. Bha ùidh aige cuideachd anns a’ bheul-aithris aig na daoine a bha a’ fuireach faisg air a’ mhuir ann an Canada bho thùs.

Phòs e Margaret Fay Shaw à Pennsylvania bho thùs, is b’ e ceòladair proifeiseanta a bh’ innte. Bha ùidh mhòr aice ann an òrain nan Eilean Siar agus b’ ann an sin a thachair iad ri chèile. Cheannaich Iain Latharna Caimbeul na h-Eileanan Canaigh agus Sandaigh ann an 1938 far an robh e ag obair mar chroitear. Thug e an t-Eilean do dh'Urras Nàiseanta na h-Alba ann an 1981 agus dh’fhàg e dhaibh a leabharlann, tasglann agus a h-uile clàradh. ’S e tìodhlag mòr mòr a bh’ ann agus bithear trang fad bhliadhnaichean fhathast a h-uile obair aige fhoillseachadh. Chaochail e san

Foghlam[deasaich | deasaich an tùs]

B’ e oileanach Iain Latharna fad a bheatha agus às dèidh ceumnachadh ann an 1929 agus MA fhaighinn ann ann 1933 chaidh e dha na h-Eileanan Siar gus Gàidhlig ionnsachadh gu fileantachd agus gus beul-aithris a chlàradh. Tro bhuaidh làidir Iain Friseil bha e dhen bheachd gun robh cànan acadaimeagach gu tùr eadar-dhealaichte bho chànan làitheil nan Gàidheal, agus gun robh beartas fhacal agus ghnàthasan-cainnt diofraichte aig gach sgìre agus nach robh iadsan rin lorg ann am faclair. Thàinig e gu co-dhùnadh gum feumadh cànan nan Gàidheal a chlàradh los gun chumadh an dà rud, na sgeulachdan agus òrain agus cuideachd beartas a’ chànain shònraichte sin. Bha e an aghaidh eòlas cànanachais a rinneadh aig an àm le eòlaichean Gearmailteach a bha a’ coimhead gu cùramach air gràmar na Gàidhlig, ach a’ coimhead air sgrìobhaidhean a-mhàin. Bha Iain Latharna dhen bheachd gun robh e na bu chudromaiche coimhead air a’ chànan làitheil cho fad ’s a bha e fhathast beò ann am beatha làitheil air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-eileanan, agus bha e ag iarraidh air daoine dualchainnt Gàidhlig ionnsachadh bho dhaoine anns na h-eileanan an àite bho leabhraichean gràmair.

Obair Clàraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chleachd e diofar sheòrsaichean de dh’innealan clàraidh agus gu tric bha na h-innealan a b’ ùire is na bu spaideile aige. Fhuair e cuid dhiubh anns na Stàitean Aonaichte agus aon uair bha aige ri feitheamh sia mìosan gus an tàinig an inneal tro na customs. Fhuair e taic-airgid de 250 not bhon Leverhulme Foundation ann an 1949.

Chan ann dìreach gun deach e le inneal clàraidh bho dhuine gu duine, ach bha e a’ fuireach agus ag obair anns na h-eileanan fad mòran bhliadhnaichean. Chaidh cuireadh a thoirt dha le Compton MacCoinnich gus rannsachadh a dhèanamh air croitearachd agus a’ Ghàidhlig. Bha e a’ fuireach aig taigh Iain (Coddy) Mac a’ Phearsain. Bha e a’ rannsachadh saoghal nan Eilean Siar còmhla ri Niall Mac a' Chlèirich (An Sgoilear Ruadh), Annie NicIain agus Calum MacIain. Dh’fhàs ùidh ann an gnothaichean poilitigeach agus thòisich iad an Sea League a bu chòir stad a chur air iasgairean bho thaobh a-muigh nan Eilean Siar iasgach anns a’ Chuain Sgìth. Bha e gu làidir an aghaidh an riaghaltais a rinn co-dhùnaidhean air gnothaichean sa Ghàidhealtachd gun a bhith eòlach air gnìomhachas agus dòigh-beatha na Gàidhealtachd. Thuirt e gum bu bheag air an riaghaltas na h-eilean an Siar air sgàth ’s gu bheil iad bochd, ach gu bheil iad bochd air sgàth iasgachd Sasannach air cladaichean nan Eilean Siar. Agus bha e ag iarraidh obair an aghaidh sin. Bha e airson is gum faic daoine acadaimigeach cuideam beul-aithris agus bha e na dhuine cudromach ann am FIOS, Folklore Institute of Scotland, agus na cheannard bho 1947. Chuir e air adhart gunn rinneadh barrachd clàraidh agus gun deach na clàraidhean seo fhoillseachadh. Rinn FIOS deich diagnos a dh’ullaich Iain Latharna fhèin. Rinn iad 200 de sin le leabhraichean a bha a’ dol còmhla riutha anns an robh cunntasan beatha nan seinneadairean agus eadar-theangachaidhean nan teacsaichean. Bha tasglann de mu 1500 òran (òrain luaidh a mhòr chuid dhiubh) agus 350 sgeulachdan aige agus cha deach ach an deicheamh pàirt dhiubh fhoillseachadh fhathast. Mar sgoilear sgileil sgrìobh e barrachd air 24 leabhraichean agus pailteas de dh’artaigealan.

Foillseachaidhean[deasaich | deasaich an tùs]

Dh’fhoillsich Iain Latharna Caimbeul an leabhar Tales of Barra ann an 1960 a tha ag innse sgeulachdan a chlàraich e bho Coddy Mac a’ Phearsain. An sin tha e a’ moladh a-rithist dè cho eadar-dhealaichte is a tha cànan làitheil nan Gàidheal na cànan nan leabhraichean agus gun cleachdar pailteas de fhacail nach eil ann am faclair.

  • Stories of South Uist 1961 le sgeulachdan le Aonghas Mac Gill’ Fhaolain agus a phiuthair à Uibhist a Deas.
  • Sia Sgeulachdan – sgeulachdan Gàidhlig à Barraigh agus Uibhist a Deas (1939) deas. Iain Latharna Caimbeul. Edinburgh : Privately printed by T. and A. Constable
    • Mac an Amharius / Murchadh an Eilein, Seonaidh Caimbeul
    • Bean a' chìobair / Seonaidh Caimbeul
    • Mac a' ghréidheir / Seonaidh Caimbeul
    • Tómas Reumhair, mac na mnatha muirbhe / Seonaidh Caimbeul
    • An t-uachdaran, a' sagart, agus an t-amadan / Seonaidh Caimbeul
    • Manus Mac ìgh an Eilein Uaine / Seumas Iain Ghunnairigh.
  • Gaelic Words and Expressions from South Uist and Eriskay 1958 – cruinneachadh Ailein Dòmhnallaich
  • The Furrow behind me 1962 (sa Ghàidhlig 1967)
  • A collection of Highland Rites and Customs leis na pàipearan aig Edward Lluyd
  • Edward Lluyd in the Scottish Highlands còmhla ri Derick Thomson
  • Bàrdachd aig Mac Mhaighstir Alasdair
  • Hebridean Folksongs - an cruinneachadh a bu mhotha aige,
  • Songs Remembered in Exile le cruinneachadh de bheul-aithris à Canada. 1999.
  • "A Very Civil People: Hebridean Folk, History and Tradition" (2000) ed. Hugh Cheape, Edinburgh: Birlinn - cruinneachadh de dh'aistean

Sgrìobhaidhean mu a dheidheann[deasaich | deasaich an tùs]

  • 2014. Cheape, Ùisdean. 'Iain Latharna Caimbeul, 'Fear Chanaigh', agus an Obair Clàraidh a Rinn e', ann an Tobar an Dualchais: Ulaidh Nàiseanta/ Kist o Riches: A National Treasure deas. le Chris Wright (An t-Eilean Sgitheanach: Tobar an Dualchais), d.109-113 (agus sa Bheurla d.114-116)
  • 2000. Cheape, Hugh. "John Lorne Campbell of Canna. The man and his work" Harvard University
  • 1996. Cheape, Hugh. "John Lorne Campbell" in The Independent 02/05/1996

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]