Jump to content

Mairead Fay Sheathach

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Margaret Fay Shaw)
Mairead Fay Sheathach
Beatha
Breith Glenshaw (en) Translate, 9 dhen t-Samhain 1903
Dùthaich  Na Stàitean Aonaichte
Bàs 11 dhen Dùbhlachd 2004
Teaghlach
Cèile Iain Latharna Caimbeul
Foghlam
Cànain Fraingis
Dreuchd
Dreuchd beul-aithrisiche agus eòlaiche-ciùil

B' e Mairead Fay Sheathach neach-clàraidh na beul-aithris Gàidhlig agus dealbhair-camara.

Rugadh i ann an Pennsylvania, Na Stàitean Aonaichte, agus ghluais i gu Alba nuair a bha i 11 bliadhna a dh'aois.

Is ann aig an sgoil ann am Baile Eilidh a thòisich ùidh ann an cànan agus cultar nan Gaidheal, nuair a chuala i Marsaili NicUalraig Fhriseal a' gabhail òrain Gàidhlig.

Anns na 1920an, bha i a' fuireach ann an Loch Baghasdail, Uibhist a Deas, far an do rinn i càirdeas ris na peathraichean, Màiri agus Peigi NicRath. Chruinnich i mòran sgeulachdan agus òrain bhuapa, agus mu deireadh chaidh seo a chlò-bhualadh ann an Folksongs and Folklore of South Uist.

Cuideachd, ghabh i mòran dealbhan-camara air feadh Uibhist a Deas, gu h-àraid air obair nam boireannach. Thàinig Iain Latharna Caimbeul gu Uibhist airson cuideachadh le leabhar a bha e a' sgrìobhadh, is mu dheireadh, phòs iad.

Às dèidh dhaibh pòsadh, ghluais iad gu Barraigh, far an do dh'fhuireach iad gus an do cheannaich iad Eilean Chanaigh ann an 1938.

Shiubhal i anns a' Ghearasdan ann an 2004. Bha i 101 bliadhna a dh'aois.[1]

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Shaw, Margaret Fay, 1903-2004 (4814)”. Tobar an Dualchais. Air a thogail 13mh dhen Lùnasdal 2023.