Inbhir Àirnein
Coltas
'S e baile ann an Earra-Ghàidheal agus Bòd a tha ann an Inbhir Àirnein (Beurla: Inverarnan). [1] Tha e suidhichte air a' mhòr-rathaid A82 mu dhà mhìle air falbh bho Àrd Laoigh aig ceann tuath Loch Laomainn. 'S e seo na co-chomharran aige: 56° 19′ 41″ Tuath agus 4° 43′ 20.35″ Iar.
Tha an taigh-òsta ainmeil, The Drover's Inn, an seo. Chaidh a thogail ann an 1705. B’ àbhaist do na dròbhairean a stad an seo biadh is deoch a ghabhail an t-slighe aca eadar Gleann Fìn agus Both Chuidir no Glengyle. Tha cladh-abhainn Inbhir Àirnein a chaidh a thogail timcheall air 1850 faisg air an taigh-òsta. [2]
Tha Slighe na Gàidhealtachd an Iar, frith-rathad astair eadar Glaschu agus an Gearasdan a' dol seachad air a' bhaile.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Iain Mac an Tailleir, "Ainmean-Àite", duilleag 65, Pàrlamaid na h-Alba
- ↑ Inbhir Àirnein aig Sherpavan
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NN 317 184
- Inbhir Àirnein air Times online
- Eachdraidh Taigh-òsta 'The Drover's Inn'