Loch Laomainn
| Sruth a-mach | Uisge Leamhna |
|---|---|
| Dùthaich na sgìre-ghlacaidh | Alba |
| Dùthaich | Rìoghachd Aonaichte |
| Sgìre riaghaltais ionadail | Siorrachd Dhùn Breatann an Iar, Earra-Ghaidheal agus Bòd, Comhairle Shruighlea |
| Anns a’ sgìre-ghléidhteachais | Pàirc Nàiseanta Loch Laomainn agus nan Trosaichean |
| Siorrachd eachdraidheil | Siorrachd Sruighlea, Siorrachd Dhùn Breatann |
| Suidheachadh cruinn-eòlais | Breatainn Mhòr |
| Domhan-leud is -fhad | 56°8′54″N 4°39′5″W |

'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Laomainn (Beurla: Loch Lomond). Tha e mu 14 mìle (23 km) tuath air Glaschu. 'S e Loch Laomainn an loch as motha ann an Alba. Tha mu 22 eilean beag anns an loch, agus tha a' mhòr-chuid dhiubh fo shealbh prìobhaideach.
Tha e 24 mìle (39 km) a dh'fhad agus eadar 0.75 mìle (1.21 km) agus 5 mìle (8.0 km) a leud. Tha e mu 120 troigh a dhoimhne (37 m) agus 620 troigh (190 m) aig an àite as doimhne. 'S e seo co-chomharran an locha: 56° 5′ 0″ Tuath agus 4° 34′ 0″ Iar.
Tha e na phàirt dhe Phàirc Nàiseanta Loch Laomainn agus nan Tròisichean.
Tha Loch Laomainn a' nochdadh gu math tric ann am bàrdachd agus òrain. Mar eisimpleir: Chaidh an t-òran "Loch Lomond" a dhèanamh ann an 1841.[1]
Sèist:
Oh, ye'll tak' the high road, and I'll tak' the low road,
And I'll be in Scotland afore ye;
But me and my true love will never meet againOn the bonnie, bonnie banks o' Loch Lomond.
B’ àbhaist do Runrig a bhith a' cluich an òrain aig deireadh nan cuirmean-ciùil aca 's iad a’ cluich air bruach an locha.
Eileanan Loch Laomainn
[deasaich | deasaich an tùs]Tha a' mhòr-chuid den 22 eilean a th' air an cuairteachadh le uisgeachan Loch Laomainn fo shealbh prìobhaideach. Gheibhear an eileamaid innis sna h-ainmean as sine dhiubh, ged a tha eilean air a' bheag-chuid. Seo feadhainn de na h-eileanan as suaicheanta:
- Boc Innis
- An Ceàrdach
- Clàr Innis
- Craobh Innis
- Eilean a' Bhùth (eilean air an robh bothag)
- Eilean Darach
- Fraoch Eilean
- Innis Chailleach (eilean san robh cill chailleachan-dubha)
- Innis Chonachain (a bha fo shealbh Chlann Mhic a' Chombaich fad iomadh bliadhna)
- An Innis Chruinn
- An Innis Fhada
- Innis Lònaig (aithnichte airson nan craobhan iubhair aige a chaidh sìol-chur le Rìgh Raibeart Brus, a rèir beul-aithris)
- Innis Mòna (a bha na stòras connaidh do mhuinntir Luis)
- Innis Mearain (Naomh Mearain)
- Innis Taigh a' Mhanaich (air an robh manachainn 's dàimh aige ri Naomh Ceasaig)
- Eilean an Tairbeirt
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ James J. Fuld, The Book of World-Famous Music: Classical, Popular and Folk, p. 336.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NS 403 908
- Loch Laomainn
- Am Pàirce Nàiseanta
- Robert Burns: Ceangal gu Loch Laomainn
- The Loch Lomond Association
- webcam Loch Laomainn
- òrain ceangailte le Loch Laomainn
| Bailtean | Lus • Baile Mo Chatha • Am Bealach • Alexandria |
| Eileanan | Abair-Innis • Buc-Innis • Ceap-Innis • Ceardach • Clàr-Innis • Creagan Dubha • Craobh-Innis • Eilean a' Bhùtha • Eilean na h-Aon Chraoibhe • Eilean nan Darach • Eilean nan Deargannan • Fraoch Eilean • Innis Chonachain • Innis Cruinn • Innis Fada • Innis Inbhir Dhughlais • Innis Lònaig • Innis Mheadhran • Innis na Cailleach • Innis na Mòna • Innis Taigh a' Mhanaich • Innis Uallais * Torr-Innis • Inchgalbraith |
