Jump to content

Pàirc Nàiseanta Loch Laomainn agus nan Tròisichean

O Uicipeid
Pàirc Nàiseanta Loch Laomainn agus nan Trosaichean
Pàircean Nàiseanta na h-Alba, buidheann poblach car neo-eisimeileach den Riaghaltas
Pàirt deRiaghaltas na h-Alba Deasaich
Cur air cois2002 Deasaich
IUCN protected areas categoryIUCN category V: Protected Landscape/Seascape Deasaich
DùthaichRìoghachd Aonaichte Deasaich
Sgìre riaghaltais ionadailEarra-Ghaidheal agus Bòd, Peairt agus Ceann Rois, Comhairle Shruighlea, Siorrachd Dhùn Breatann an Iar Deasaich
Siorrachd eachdraidheilSiorrachd Sruighlea Deasaich
Domhan-leud is -fhad56°15′0″N 4°37′0″W Deasaich
Puing as àirdeBen More Deasaich
AuthorityLoch Lomond and the Trossachs National Park Authority Deasaich
Làrach-lìnhttps://www.lochlomond-trossachs.org/ Deasaich
Map

B' e Pàirc Loch Laomainn agus nan Tròisichean a' chiad Phàirc Nàiseanta riamh ann an Alba a chaidh a stèidheachadh ann an 2002. Tha e a' gabhail a-steach Na Tròisichean, Loch Laomainn, Bràghad Albainn agus pàirt de Chomhghall a tuath.

Suidheachadh
[deasaich | deasaich an tùs]

Tha a' phàirc suidhichte aig ceann a deas na seann Ghàidhealtachd, ceàrn monadail na h-Alba san robh Gàidhlig aig a' mhòr-shluagh gu ruige toiseach na 20mh linn. Tha i a' sìneadh thar crìochan Leamhnachd, roinn-dùthcha àrsaidh, eachdraidheil.

Ainmean-àite agus cànan nan daoine
[deasaich | deasaich an tùs]

Mar sin, 's iad ainmean-àite Gàidhlig as lìonmhoire ann an crìochan na pàirce, ged a gheibhear feadhainn mar chuimhneachain air an t-seann chainnt Bhreatannach, ris an abrar Cuimbris no Breatannais. Mar eisimpleir, theirear gun robh Clach nam Breatann(ach) ann an Gleann Falach a' comharrachadh fìor iomall a tuath na rìoghachd aca.

'S i a' Ghàidhlig as motha a th' air a làrach fhàgail air feadh a' cheàirn seo. Ri linn seo, gheibhear pailteas ainmean Gàidhlig a' mìneachadh cruth na tìre, mar a tha alt, bealach, beinn, cnoc, coire, creag, druim, gleann, maol, meall, sìthean (sìdhean), sròn, stob is tom.

Slighean Coiseachd
[deasaich | deasaich an tùs]

Gheibhear sia Slighean Mòra na dùthcha a' sìneadh tarsaing air a' Phàirc Nàiseanta seo. Tha Slighe Taobh an Iar na Gàidhealtachd a' ruith o iomall Ghlaschu gu ruige An Gearasdan fad 96 mìltean (154 km), agus a' lùbadh taobh bruaichean Loch Laomainn. Mar cheangal eadar Calasraid is Inbhir Snàthaid, tha Slighe Mhòr nan Tròisichean a' dol tarsaing air an tèarmann nàdair as motha san dùthaich agus tha Slighe Rob Ruaidh a' ceangal Pàirc Nàiseanta Loch Laomainn ri Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh.

Easan

Tha grunnan easan aithnichte anns a' phàirc.

  1. An Sruth Bàn
  2. Eas na Beinne Glaise
  3. Eas Falach
  4. Eas Dochart
  5. Eas Aodann Ambail
  6. Eas Lànaigh
  7. A' Bhreac Linn
  8. Eas Inbhir Snàthaid

Lorgar 22 loch ann an crìochan na Pàirce Nàiseanta seo, agus 3 dhiubh nan lochan-mara aig a bheil 39 mìltean de chladaichean. 'S e Loch Laomainn as motha dhiubh gu lèir, oir tha e 24 mìltean a dh'fhaid agus nas doimhne na an Cuan a Tuath aig a' bhad as doimhne dheth. Tha Loch Ceiteirein sna Tròisichean a' solar uisge do Ghlaschu bho 1859.

  • Loch Àth Chrathaidh
  • Loch na h-Àirde
  • Loch Innse Mo Cholmaig
  • Loch Aircleid (à airc-leathad)
  • Loch Chon
  • Loch Dochart
  • Loch Doine
  • Loch Èireann
  • Loch Aic (Eachaig)
  • Loch Goill
  • Loch Iubhair
  • Loch Ceiteirein
  • Loch Laomainn
  • Loch Long
  • Loch Lùdnaig
  • Loch Slòigh
  • Loch Bheannchair
  • Loch Bheothail

Gheibhear 21 bheinn "Rothach" (còrr is 3,000 troigh a dh'àirde) agus 19 beanntan "Corbett" (eadar 2,500 is 3,000 troigh) sa Phàirc Nàiseanta.

Seo cuid de na beanntan as aithnichte.

  • An Caisteal
  • Am Binnean
  • Beinn a' Chlèibh
  • Beinn a' Choin
  • Beinn a' Chròin (Chròthain)
  • Beinn an t-Sìthein
  • Beinn Bheula
  • Beinn Bhreac
  • Beinn Chaorach
  • Beinn a' Chùirn
  • Beinn Dubh
  • Beinn na Dubh Chreige
  • Beinn Each
  • Beinn Ime
  • Beinn an Lochain
  • Beinn Luibhean
  • Beinn Mhòr
  • Beinn nan Imirean
  • Beinn Narnain (no, Beinn Bheàrnan)
  • Beinn Odhar
  • Beinn Ruadh
  • Beinn Tulaichean
  • Beinn Ùird (an t-Òrd bho thùs)
  • Beinn Chaluim
  • Beinn Dòmhnaich
  • Beinn Lididh
  • Beinn Laomainn
  • Beinn Laoigh
  • A' Bheinn Mhòr
  • Beinn Ois
  • A' Bheinn Mheadhain
  • A' Bheinn Mheanbh
  • Beinn Mhùrlaig (tè mun iar air Loch Laomainn is tè gu deas air Loch Èireann)
  • An Greusaiche Crom (Beinn Artair)
Àirdean Eile
[deasaich | deasaich an tùs]
  • Cnoc Còinnich
  • An Creachann Mòr
  • Creag Mhic Ranaich
  • Cruach Àrdrain
  • An Dùn
  • Feurach (mar a chithear e o Na Srathaibh, air neo, Fiarach)
  • Meall an Fhùdair
  • Meall an t-Seallaidh
  • Meall Buidhe
  • Meall Glas
  • Meall Mòr
  • Meall na Feàrna
  • Meall Reamhar
  • Sgiath Chùil
  • Sgiath Chrom
  • Sgorach Mòr
  • Stob Binnein (as dòcha à Stob Innein)
  • Stob a' Choire Chreagaich
  • Am Breac
  • An Stob
Glinn is Srathan
[deasaich | deasaich an tùs]
  • Gleann Ambail
  • Gleann a' Chròtha
  • Gleann Dùbhghlais
  • Gleann Falach
  • Glean Fhionnaird (à Fionn Àird)
  • Gleann Fhionnghlais
  • Gleann Freòin
  • Gleann Chonghlais
  • Gleann Luis
  • Gleann Masain
  • Gleann Ògail
  • Gleann a' Bhranndair
  • Na Srathaibh (no, Srath Chill Fhaolain)
Tuineachasan
[deasaich | deasaich an tùs]

San 18mh linn, cha b' i ach Gàidhlig a bh' air bilean muinntir an àite ann am bailtean leithid Both Chuidir, Calasraid, Obar Phuill, Lus agus An t-Àrar. B' i Gàidhlig a bh' aig a' mhòr-chuid de dhaoine taobh Both Chanain agus Port na Tèadhaich gus an 19mh linn. Chaidh na daoine mu dheireadh aig an robh Gàidhlig a chlàradh sna 1950an, far an robh iad a' còmhnaidh ann am bailtean leithid Both Chuidir, Ceann Drochaid agus Cill Fhinn.

  • Obar Phuill
  • Àird an t-Sionnaich
  • Àird a' Ghartain
  • Àird Laoigh
  • An t-Àrar
  • Am Bealach
  • Baile Mo Thatha
  • Both Chuidir
  • Am Blàr Mòr
  • Ceann Drochaid (Brig O' Turk)
  • Calasraid
  • A' Chrìon Làraich
  • Croit Sheumaidh
  • Drumainn
  • Gart a' Chàirn
  • An t-Inbhir Beag
  • Inbhir Lòch Làraig
  • Inbhir Dhùbhghlais
  • Cill Fhinn
  • Cill Mo Chùg
  • Cill Mhunna
  • Lus
  • Port na Tèadhaich
  • Rubha Àird Eònain
  • Am Port Mòr
  • An t-Iomaire Riabhach (Srath Eadhair)
  • Sròn a' Chlachair
  • An Tairbeart
  • Taigh an Droma

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]