Àird Laoigh
Coltas
(Air ath-sheòladh o Àrd Laoigh)
| Àird Laoigh | |
Àird Laoigh | |
| Suidheachadh | |
| Dùthaich | |
| Co-chomharran | 56° 18′ 0″ T 4° 43′ 0″ I |
| Comharradh-clèithe | NN319153 |
| Feartan fiosaigeach | |
'S e baile ann an Earra-Ghaidheal agus Bòd a tha ann an Àird Laoigh (Beurla: Ardlui).[1] Tha am baile suidhichte aig ceann Loch Laomainn air a' mhòr-rathaid A82 eadar a' Chrìon Làraich agus Glaschu.
Tha Slighe na Gàidhealtachd an Iar, frith-rathad astair eadar Glaschu agus A' Ghearasdan, a' dol tron bhaile, agus 's e àite cudromach a th' ann do luchd-choiseachd gus an oidhche a chosg an sin. Tha stèisean-rèile aige, Stèisean Àrd Laoigh.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Ardlui/Àird Laoigh”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 8mh dhen Ghiblean 2018.
