FilmG

O Uicipeid

’S e co-fharpais fhilmichean ghoirid sa Ghàidhlig a th’ ann am FilmG. Chaidh FilmG a chur air bhog le MG Alba ann an 2008 leis an amas tàlant ùr a thoirt gu bàrr a thèid a leasachadh airson BBC ALBA.

Bidh am farpais a’ ruith gach bliadhna eadar an Lùnastal agus am Faoilleach le dà fharpais fa-leth, tè airson aois 12-17, agus tè airson inbhich. ’S e riatanasan na farpaise gum bi am film ann an Gàidhlig agus eadar 3 agus 5 mionaidean a dh’fhaid le tiotalan. Gheibhear taic bhon sgioba FilmG agus tha uidheam ri fhaighinn air iasad an asgaidh.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]