Robert Stevenson

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Robert Stevenson
Robert Stevenson (lighthouse engineer) - Google Book Search - Biographical Sketch of the Late Robert Stevenson.jpg
Beatha
Breith Glaschu, 8 dhen Ògmhios 1772
Dùthaich  Alba
Bàs Dùn Èideann, 12 dhen Iuchar 1850
Teaghlach
Clann
Foghlam
Foghlam Oilthigh Dhùn Èideann
Oilthigh Srath Chluaidh
Dreuchd
Dreuchd einnseanair agus einnseanair-thogalach
Obraichean comharraichte Taigh-solais Bell Rock
Ballrachd Comann Rìoghail Dhùn Èideann

B' e innleadair a bh' ann an Robert Stevenson (Glaschu, 8 an t-Ògmhios 1772Dùn Èideann, 12 an t-Iuchar 1850), a tha ainmeil air sgàth nan taighean-solais a thog e.

Rugadh Robert Stevenson 8 an t-Ògmhios 1772 ann an Glaschu. Nuair a bha e dà bhliadhna a dh'aois chaochail athair agus dh'imrich a mhàthair a Dhùn Èideann far an deach Robert don sgoil. Ann an 1787 phòs a mhàthair a-rithist le Thomas Smith. Bha factaraidh obair-iarainn aige. Rinn e cuideachd lampaichean ùra le dealradairean aig an robh solas na bu shoilleire. Anns an àm seo cha robh na taighean-solais ach tùir le teine air a' mhullach no solas fann bho choinnlean. Bha na taobhan-mara glè chunnartach agus chaidh mòran bhàtaichean fodha. Thòisich Thomas Smith air taighean-solais a thogail leis na lampaichean ùra. Chaidh Robert don oilthigh ann an Glaschu agus an uair sin chaidh e ag obair leis a h-oide. Thog iad còmhla cuid taighean-solais air feadh na dùthcha.

Ann an 1805 thòisich Robert air planaichean a dhèanamh airson taigh-solais air "Creag a' Chluig" a thogail. 'S e creag anns a' mhuir a th' ann an "Creag a' Chluig" a bhios mu dheidhinn trì mìle air fhichead bho Obar Bhrothaig. B' e obair glè dhoirbh agus chunnartach a bh' innte. Bha a' chreag fo uisge aig làn mara. Chaidh a h-uile rud feumail a thoirt ann air bàtaichean seòlaidh – clachan, iarainn agus luchd-obrach. Cha robh ach piocaidean agus spaideachan aca. Anns a' gheamhradh no nam bitheadh an t-sìde dona, stoirmeil cha b' urrainn dhaibh a bhith ag obair. Bho àm gu àm sgrios a' mhuir na thog iad. Ann an 1811 bha an taigh-solais deiseil.

Eadar 1811 agus 1833 thog Robert Stevenson sia taighean-solais dheug ann an Alba. Rinn e cuideachd planaichean airson drochaidean, claisean-uisge agus calaichean. Bha triùir den mhic agus dithis de na h-oghaichean aige nan fir-togail taighean-solais cuideachd.

Chaochail Robert Stevenson 12 an t-Iuchar 1850 ann an Dùn Èideann.

Taighean-solais[deasaich | deasaich an tùs]

Taigh-solais Creag a' Chluig

Seo liosta de na taighean-solais a chaidh a thogail le Robert Stevenson:

An teaghlach aige[deasaich | deasaich an tùs]

  • Robert Stevenson (1772–1850), innleadair Albannach is neach-togail taighean-solais

Tùsan[deasaich | deasaich an tùs]

  • Bathurst, Bella (1999): The Lighthouse Stevensons. Harper Collins. ISBN 0060194278.