Am Parbh
Co-chomharran: 58°37′29″N 5°00′05″W / 58.6248°N 5.0015°W
Is e rubha ann an Cataibh a tha anns am Parbh no an Carbh.[1] 'S e àite fo dhìon sònraichte a th' ann air sgàth 's gu bheil 50000 eòin-mara, buthaidean, coltraichean (Alca torda), eòin dubha an sgadain (Uria aalge), seagairean (Rissa tridactyla) agus eòin chrom a' neadachadh an sin.[2] Thog Robert Stevenson taigh-solais air ann an 1828.[3]
Tha am Parbh aig Ministreachd an Dìon agus tha iad ga chleachdadh airson trèanaidh.[4]
Còmhdhail
[deasaich | deasaich an tùs]Tha rathad a' ceangal am Parbh ris an aiseag Caolas Diùranais. Chaidh an rathad a thogail còmhla ris an taigh-solais. Tha e cuideachd comasach am Parbh a ruigsinn air chas-cheum o am Blàr Mòr.[4] Ann an 2019 bha an rathad ann an droch stàit agus a rèir Scottish Athletics cha b' e rèis rathaid a bha ann am Maraton a' Phairbh.[5]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Cape Wrath/Am Parbh”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 24mh dhen Lùnasdal 2016.
- ↑ “SPA Description: Cape Wrath”. Co-chomataidh Glèidhteachas Nàdair. Air a thogail 24mh dhen Lùnasdal 2016.
- ↑ “Northern Lighthouse Board - Cape Wrath”. Bòrd Thaighean-solais a' Chinn a Tuath. Air a thogail 24mh dhen Lùnasdal 2016.
- ↑ 4.0 4.1 “Public access to military areas”. Ministreachd an Dìon. Air a thogail 24mh dhen Lùnasdal 2016.
- ↑ “Highland marathon no longer a marathon due to bizarre reason”, The Press and Journal. 25mh dhen Mhàrt 2019. Air a thogail 25mh dhen Iuchar 2020.
Bailtean | Àird Ghaoithe • Brùra • Bun Ilidh • Caisteal Dhùn Robain • Ceann a' Bhràiste • Cinn Donnain • Cùil Rathain • Dail Healabhaig • Diùranais • Fors An-Àird • Goillspidh • Inbhir Sin • Innis nan Damh • Loch an Inbhir • Luirg • Sgìre Raoird |
Cruinn-eòlas | An Caol Catach • Beinn Chlìbric • Beinn Hòb • Beinn Mhòr Asaint • Cona Mheall • Loch Sìn • Am Parbh |
Roinnean | Asaint • Dùthaich MhicAoidh • Srath Nabhair |