Cnòideart
Dùthaich | Rìoghachd Aonaichte ![]() |
---|---|
Sgìre riaghaltais ionadail | Comhairle na Gàidhealtachd ![]() |
Siorachd eachdraidheil | Siorrachd Inbhir Nis ![]() |
Làrach | Ross and Cromarty ![]() |
Domhan-leud is -fhad | 57°4′12″N 5°39′36″W ![]() |

'S e sgìre air a' Ghàidhealtachd an iar a th' ann an Cnòideart, a tha suidhichte eadar Linne Shlèite, Loch Nibheis agus Loch Shubhairne. Ann an 2001 bha 98 duine[1] a' fuireach ann agus 's e Inbhir Aoidhe am baile as motha ann. Chan fhaighear ann ach le bàta no air cois. Ann an Inbhir Aoidhe tha taigh-òsta a tha ainmeil mar an taigh-òsta as iomallaiche air tìr-mòr Bhreatainn, agus 's e The Old Forge[2] an t-ainm a th' air. A bharrachd air sin tha cafaidh, bùth, oifis a' phuist agus oifis fiosrachaidh ann. Tha an sgìre ann an ceann a tuath Chnòideart aithnichte mar na Garbh Chrìochan.
'S ann leis an Knoydart Foundation a tha an oighreachd de 17,500 acair (71 km²), agus 's e co-obrachadh eadar muinntir an àite, Comhairle na Gàidhealtachd, Urras Iain Muir, Urras Chris Brasher agus Oighreachd Cille Còmhain a th' ann gus leasachaidhean seasmhach a dhèanamh gu math na coimhearsnachd agus na h-àrainneachd.
'S e sgìre nàiseanta de bhòidhchead shònraichte[3] a th' ann an Cnòideart, agus tha e tarraingeach do luchd-coiseachd air sgàth 's gu bheil e glè iomallach agus gu bheil Beanntan Rothaich leithid Ladhar Bheinn, Luinne Bheinn, Meall Buidhe agus Sgùrr na Cìche an sin. A bharrachd air sin tha e tarraingeach do sheòladairean agus daoine aig a bheil ùidh ann an nàdar agus fiadh-bheatha.
Daoine ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]
Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]
Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]
- Knoydart Foundation (Beurla)
Bailtean | Àrasaig • Àth Tharracail • Baile a' Chaolais • Banbhaidh • An Caol • A' Chorpaich • Cille Chòmhain • An Gearasdan • Gleann Fhionnainn • Inbhir Aoidhe • Malaig • Mòrar • An Sàilean • Sròn an t-Sìthein |
Sgìrean | Gleann Comhann • Glinn Eilg • Mòinteach Raineach • Bràigh Loch Abar • Cnòideart • Mòrar a Tuath • Mòrar a Deas • Mùideart • Àird nam Murchan • Suaineart • A' Mhorbhairne • Àird Ghobhar |