Urras Iain Muir

O Uicipeid
Urras Iain Muir
buidheann
Cur air cois1983 Deasaich
Prìomh-àite rianachdBaile Chloichridh Deasaich
Làrach-lìnhttp://www.jmt.org/ Deasaich

’S e buidhean carthannais ann an Albainn a tha ann an Urras Iain Muir (gu neo-fhoirmeil sa Ghàidhlig: Urras Sheonaidh a’ Mhonaidh; Beurla: John Muir Trust). Chaidh a stéidheachadh ann an 1883 mar bhuidhean ballrachd airson fearann fiadhaich a ghléidheadh. Tha barrachd is 10,000 ball aige air feadh na Cruinne.

’S e obair, meanmna agus dìleab an fhir-gléidhteachais Iain Muir a tha a’ brosnachadh an Urrais. Rugadh Iain Muir ann Dùn Barra ann an Lodainn an Ear sa bhliadhna 1838. Chuir e an Sierra Club air chois ann an California ann an 1892, a tha a-nis ’na fhear de na buidhnean gléidhteachais as cudromaiche sna Stàitean Aonaichte.

Tha an t-Urras a’ cur air dòigh farpais sgrìobhaidh gach bliadhna, le duaisean airson Gàidhlig agus duaisean airson Beurla.

A bharrachd air sin, tha an t-Urras a’ toirt seachad teastanas airson obair spòrsail a’ buntainn ri àite fiadhaich: lorg, rannsachadh, gléidheadh agus roinneadh le daoine eile. Tha Comunn na Gàidhlig a’ brosnachadh an Duais Iain Muir seo tro mheadhan na Gàidhlig gach bliadhna do sgoiltean agus òigridh, le taic bho NàdarAlba.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]