NàdarAlba
Coltas
NàdarAlba
Pàirt de | Riaghaltas na h-Alba |
---|---|
Cur air cois | 1990 |
Dùthaich | Rìoghachd Aonaichte |
Prìomh-àite rianachd | Inbhir Nis |
Làrach-lìn | https://www.nature.scot/ |
ʼS e buidheann Riaghaltais leathach neo-eisimeileach a tha ann an NàdarAlba no Buidheann Nàdair na h-Alba (Beurla: NatureScot; seann ainm Gàidhlig: Dualchas Nàdair na h-Alba). ʼS e dìleab nàdarra na dùthcha an cùram a thʼ aige. Tha e aʼ toirt comhairle do Riaghaltas na h-Alba, agus ag obair mar ghnìomhaiche an Riaghaltais ann a bhith aʼ cur air dòigh pàircean nàiseanta agus sgìrean gléidhteachais.
Tha oifisean aige ann an iomadh cheàrnaidh de tìr-mór na h-Albann agus cuideachd a-muigh sna h-eileannan. Ann an 2003/2004 chaidh aʼ phrìomh-oifis aca a ghluasad bho Dhùn Éideann gu Inbhir Nis.
Tha tòrr fiosrachaidh sa Ghàidhlig air an làraich-lìn aig Buidheann Nàdair na h-Alba, agus tòrr leabharannan agus postairean sa Ghàidhlig.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- NàdarAlba - làrach-lìn
- Faclan Nàdair – faclair Gàidhlig