Sgùrr na Cìche

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search

Co-chomharran: 57°00′46″N 5°27′26″W / 57.0127°N 5.45718°W / 57.0127; -5.45718

Sgùrr na Cìche
Sgurr na Ciche.jpg
Sealladh bho Sgùrr nan Coireachan air Sgùrr na Cìche
Àirde (m) 1040
Àirde (tr) 3,410
Àirde rinneach (m) 839
Màthair-mhullaich Carn Eige
air liosta Marilyn, Beinn Rothaich
Suidheachadh
Sgùrr na Cìche is located in Alba
Sgùrr na Cìche
Sgùrr na Cìche (Alba)
Suidheachadh Cnòideart, a' Ghàidhealtachd
Mapa cumadh-tìre OS Landranger 33, 40
Comharradh-clèithe NM902966

’S e beinn ann an Cnòideart air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Sgùrr na Cìche. Tha e 1040m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich iomallach a th’ ann. Tha e suidhichte eadar ceann Loch Nibheis agus ceann Loch Chuaich. Tha coltas cìche air cruth na beinne agus chithear e bho Àird a’ Bhàsair anns an Eilean Sgitheanach. Tha druim an ear na beinne a’ leantainn gu Garbh Chìoch Mhòr (1013m), Garbh Chìoch Bheag (968m) agus Sgùrr nan Coireachan (953m). Tha ceum a’ dìreadh na beinne eadar Sgùrr na Cìche agus Garbh Chìoch Mhòr bho Ghleann Deasaraidh, agus ’s e sin an dòigh as cumanta faighinn dhan mhullach, a’ tòiseachadh an latha aig ceann Loch Airceig. Tha e cumanta cuideachd a bhith a’ cur seachad na h-oidhche aig Sourlies agus streap Druim a’ Ghoirtein bhon iar-dheas, ged nach eil ceum ann. ’S e coiseachd beinne a th’ anns a’ chuairt, agus chan fheumar uidheam streap airson am mullach a ruigsinn, ge-tà, tha an talamh bog-fliuch aig amannan, agus tha pàirtean den bheinn creagach is cas[1].

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Walk Highlands [1]

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: