Beinn Rothaich

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Beinn Nibheis, a' Bheinn Rothaich às àirde ann am Breatainn

'S e beinn ann an Alba a tha os cionn 3,000 troigh (914.4m) de dh'àirde a th' ann am Beinn Rothaich. Tha 282 dhiubh ann. Tha an t-ainm a' tighinn bhon Ridire Ùisdean Rothach (Sir Hugh Munro) (1856–1919), a chruthaich liosta de na beanntan seo ann an 1891. Ma tha mullach beinne os cionn 3,000 troigh, ach nach eil na bheinn fa-leth, 's e mullach Rothaich a th' ann. Anns an ath-sgrùdadh de na beanntan seo ann an 2012, a tha foillsichte le Club Streapadaireachd na h-Alba, bha 282 Beanntan Rothaich ann agus 227 mullaich Rothaich eile. Dh'atharraich àireamh nam Beinn Rothach bho àm gu àm nuair a chaidh ath-sgrùdadh a dhèanamh le innealan de theicneòlas nas ùire agus nas mionaidiche.

Anns a' Chèitean agus an Iuchar 2009 rinneadh ath-sgrùdadh air na beanntan a bha faisg air 3,000 troigh. Air 10 An t-Sultain 2009 chaidh ainmeachadh gu bheil a' bheinn Sgùrr nan Ceannaichean, aig ceann a' deas Gleann Carrainn, 2,997 troigh (913.43 m) de dh'àirde a-mhàin.[1] Mar sin chaidh inbhe na Beinne Rothaich a thoirt air falbh bhuaithe agus 's e Beinn Corbett a th' ann a-nis.[2] As t-samhradh 2011 chaidh lorg gu bheil Beinn a' Chlaidheimh ann an Achadh an Iasgair 2,998 troigh agus 8 òirleach (914 m), agus mar sin ro bheag airson a bhith na Bheinn Rothaich. Chaidh inbhe Beinne Rothaich a thoirt air falbh bhuaithe anns an t-Sultain 2012, agus tha i a-nis na Beinn Corbett.[3][4]

Anns an t-Sultain 2012, bha liosta nam Beinn Rothaich a' gabhail a-steach 282 beanntan Rothaich agus 227 mullaich Rothaich eile.

'S e cur-seachad a th' ann do luchd-coiseachd agus luchd-streap a bhith a' dìreadh gach aon de na Beanntan Rothaich agus a' cumail clàr air an adhartas. Thathar a’ cur an ainm car éibhinn “pocadair rothach” air na daoine sin. Ge-tà, gach bliadhna caillidh daoine am beatha air na beanntan agus an t-sìde, an talamh gharbh no dìth-shlàinte a' fàs mar dhùbhlan dhaibh.

Aistidhean ceangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Sgùrr nan Ceannaichean, Munromagic
  2. The Scottish Mountaineering Club
  3. Fisherfield Munro demoted to Corbett status after coming up short in survey aig stv news (Beurla)
  4. Graham Jackson is John Barnard: Beinn a’ Chlaidheimh: the Munro Society surveyors respond, aig Caledonian Mercury (Beurla)

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]