An Càrn Gorm
'S e beinn anns a' Mhonadh Ruadh a tha ann an Càrn Gorm (Beurla: Cairn Gorm). 'S e seo na co-chomharran aice: 57° 7′ 1.56″ Tuath agus 3° 38′ 32.28″ Iar.
Tha i 1,245 meatair (4,081 troigh) a dh'àirde.
Sa Bheurla, 's e "the Cairngorms" a tha air Am Monadh Ruadh air fad, air sgàth 's gu bheil dà bheinn den ainm anns a' mhonadh agus gun do dh'innis streapadairean gu tric gun deach iad a shreap na Càrnan Gorma, sa Bheurla "the Cairngorms". 'S e clach-ghràin dhearg a tha a' dèanamh na beinne seo, agus le sin a' toirt an ainm Monadh Ruadh air an sgìre. Ach bho astar tha na beanntan a' coimhead gorm, mar a tha a mhòr-chuid de bheanntan, agus dh'fhaodadh gur ann bho sin a tha an t-ainm Càrn Gorm a' tighinn.[1]
Tha sgìre sgìthidh mhòr air a' bheinn agus na coireachan aice. Tha 11 lioftaichean ann agus 32 slighean sgìthidh ann[2]. Tha trèana beinne a' dol suas a' bheinn fad na bliadhna, a' giùlan luchd-turais gu taigh-bidh agus àite faire. Cha tèid e dhan mhullach ge-tà, agus air adhbharan glèidheadh na h-àrainneachd chan fhaodar coiseachd dhan mhullach bhon trèana ach le stiùir bho mhaor-dùthcha. Ma thathar airson coiseachd dhan mhullach gun stiùir, feumar tòiseachadh aig an raon-parcaidh aig a' bhonn.[3]
Tha aon slighe a' leantainn faisg air Coire Cas a tha gu math trang aig àm sgìthidh, tha an "Windy Ridge path", slighe eile a' dol air taobh tuath dhith. Cuideachd tha slighe ann seachad air Fiacaill a' Choire Chais.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Drummond, Peter 1991; Scottish Hill and Mountain Names, Scottish Mountaineering Trust; d.51, 78
- ↑ Lioftaichean is slighean sgìthidh a' Chùirn Ghuirm
- ↑ Trèana na Beinne aig a' Chàrn Ghorm
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Làrach oifigeil a' Chùirn Ghuirm
- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NJ 006 041
- BBC Naidheachdan 2018-10-30: “Buaidh mhòr” aig dùnadh rèile-beinne
- BBC Naidheachdan 2019-01-17: Buille ùr do dh'ionad a' Chùirn Ghuirm