Coire

O Uicipeid
Coire na Baintighearna

'S e coire, fosgladh cruinn leth-làbanach ann an uchd monaidh.

Thàinig iad gu bith nuair a dh'fhalbh an eigh-shruth bho Linn na Deighe, leis gun do sguaib an dèigh creagan is clachan às a' bheinn fhad 's a bha e a' falbh thairis air na linntean. Ann an Alba tha na coireachan mar as trice air taobh tuath na beinne, oir bhiodh an deigh a' leaghadh na bu slaodaiche na air air taobh deas far a bheil solas na grèine gach latha ga bhlàthachadh. Gu tric tha trì ballachan agus bile aig coireachan, agus bidh lochan ann leis gu bheil a' bhonn nas ìsle na na ballachan timcheall air. Far a bheil an t-uisge a' sruthadh thairis air a' bhile, tha morain ga chruthachadh.