An Teallach
An Teallach | |
---|---|
An druim meadhanach aig an Teallach | |
Àirde (m) | 1,062 |
Àirde (tr) | 3,484 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Dùn Dòmhnaill |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 19 |
Comharradh-clèithe | NH06418367 |
'S e beinn ann an Dùn Dòmhnaill air a’ Ghàidhealtachd a th’ anns an Teallach. Tha e 1062m de dh'àirde agus 's e Beinn Rothaich a th' ann. 'S e beinn mhòr le 9 mullaich a th' ann agus tha dà bheinn rothaich air, Bidean a' Ghlas Thuill (1062m) agus Sgùrr Fiona (1060m). Air druim an ear-dheas tha Sàil Liath (954m), Stob Cadha Gobhlach (960m), Corrag Bhuidhe (1049m), Berkeley's Seat (1030) agus Sgùrr Fìona (1060m). Air druim an iar tha Sgùrr Creag an Eich (1017m). Air druim an ear air taobh tuath an locha, tha Glas Mheall Liath (960m) agus Bidean a' Ghlas Thuill (1062m). Nas fhaide tuath tha druim eile le Glas Mheall Mòr (979m) agus Sròn a' Choire (863m).
Leis gur e Aonach de mòran bheanntan a th' ann a tha glè fhaisg air a' chèile, tha coltas dùin air a' bheinn. Tha teallach a' ciallachadh àite teine aig a' ghobhann agus dh'fhaodadh cruth na beinne seo a bhith coltach ris.[1]
Mar as trice bithear a' dèanamh air a bheinn seo bho Dhùn Dòmhnaill agus a' leantainn na slighe gu Achadh an Iasgair, ach a' dìreadh Sàil Liath. Bithear an uair sin a' leantainn an droma gu Sròn a' Choire agus a' cromadh air ais gu Dùn Dòmhnaill [2].
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air leth air beanntan Achadh an Iasgair, Thoirbheartain, Na Fanaichean, air an Eilean Sgitheanach agus na h-Eileanan Siar.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Drummond, Peter (1991) Scottish Hill and Mountain Names. Scottish Mountaineering Trust. d. 132.
- ↑ An Teallach air Walkhighlands