Liathach

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Liathach
Liathach from Loch Clair - geograph.org.uk - 17441.jpg
Liathach bho Loch Clair
Àirde (m) 1,055
Àirde (tr) 3,461
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Liathach is located in Alba
Liathach
Liathach (Alba)
Suidheachadh Toirbheartan
Mapa cumadh-tìre Landranger 25
Comharradh-clèithe NG92955797

'S e beinn ann an Toirbheartan air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Liathach. Tha mu shia mullaich aige, agus tha dà dhiubh, Spidean a' Choire Lèith (1055 m) agus Mullach an Rathain (1023m), nam Beanntan Rothaich. Tha e san tuath de Ghleann Toirbheartan. 'S e Clach-ghainmhich Thoirbheartanach a th' anns a' chreig, agus chithear na striopan a tha e a' cruthachadh bho astar. 'S e comharra sònraichte do bheanntan Thoirbheartan a th' ann.

Mar as trice bithear a' dèanamh air a' bheinn seo bhon rathad A896 agus a' tòiseachadh san ear, a' coiseachd dhan iar. Tha am pàirt eadar an dà mhullach sin gu tric caol agus cas, agus tha iomadh binnean ri streap air an t-slighe[1].

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air leth air Beinn Eighe, Beinn Àilleagain, An t-Eilean Sgitheanach, A' Chomraich, agus na h-Eileanan Siar.


Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Liathach air Walkhighlands

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: