Jump to content

Sgùrr a' Bhealaich Dheirg

O Uicipeid
Sgùrr a' Bhealaich Dheirg

Sgùrr a' Bhealaich Dheirg bho Shàileag
Àirde (m) 1,036
Àirde (tr) 3,399
Àirde rinneach (m) 311
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Sgùrr a' Bhealaich Dheirg is located in Alba
Sgùrr a' Bhealaich Dheirg
Sgùrr a' Bhealaich Dheirg (Alba)
Suidheachadh Cinn Tàile
Sreath bheanntan Druim nam Bràithrean
Mapa cumadh-tìre Landranger 33
Explorer 414
Comharradh-clèithe NH035143

’S e beinn ann an Cinn Tàile air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Sgùrr a' Bhealaich Dheirg. Tha e 1,036m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte eadar Loch Cluanaidh agus Loch Dubhthaich air taobh tuath Gleann Seile mar phàirt de Dhruim nam Bràithrean.

'S e an dòigh as cumanta a bhith a' streap Sgùrr a' Bhealaich Dheirg, a bhith ga cheangal leis an dà bheinn eile, Sàileag san taobh an iar agus Aonach Meadhoin san taobh an ear. Mar as trice bithear a' tòiseachadh bho Chluanaidh agus a' dèanamh air Bealach na Lapain[1]. Ma nìthear e mar seo gheibhear sealladh iongantach air na Còig Peathraichean agus an Eilean Sgitheanach.

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air beanntan Chinn Tàile, Gleann Seile agus Chnòideirt.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Druim nam Bràithrean air Walkhighlands

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: