Sàileag
Coltas
| Sàileag | |
|---|---|
Sàileag agus Còig Peathraichean Chinn Tàile | |
| Àirde (m) | 956 |
| Àirde (tr) | 3,136 |
| Àirde rinneach (m) | 91 |
| air liosta | Beinn Rothaich |
| Suidheachadh | |
| Suidheachadh | Cinn Tàile |
| Sreath bheanntan | Druim nam Bràithrean |
| Mapa cumadh-tìre | Landranger 33 Explorer 414 |
| Comharradh-clèithe | NH017148 |
’S e beinn ann an Cinn Tàile air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Sàileag. Tha i 956m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha i suidhichte eadar Loch Cluanaidh agus Loch Dubhthaich air taobh tuath Gleann Seile mar phàirt de Dhruim nam Bràithrean.
'S e an dòigh as cumanta a bhith a' streap Sàileag, a bhith ga cheangal leis an dà bheinn eile, Sgùrr a' Bhealaich Dheirg agus Aonach Meadhoin bho Chluanaidh gu Bealach na Lapain[1]. Ma nìthear e mar seo gheibhear sealladh iongantach air na Còig Peathraichean agus an Eilean Sgitheanach.
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air beanntan Chinn Tàile, Gleann Seile agus Chnòideirt.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Sàileag air munromagic (Beurla)
