Jump to content

Loch Shubhairne

O Uicipeid

Co-chomharran: 57°07′30″N 5°35′37″W / 57.125°N 5.593611°W / 57.125; -5.593611

Sealladh bho Bheinn Sgritheall air Loch Shubhairne
Suidheachadh
Suidheachadh
Loch Shubhairne
Suidheachadh Loch Shubhairne air a' Ghàidhealtachd

'S e loch-mara ann an Cnòideart air Gàidhealtachd na h-Alba a th' ann an Loch Shubhairne. Tha e mu 22km de dh'fhaid agus mu 3km de leud aig an àite as leathainne. Tha pàirt leathann ann aig taobh an iar, agus tha e a' fàs nas caoile air taobh an ear. Tha e a' ruith bhon Linne Shlèiteach gu Ceann Loch Shubhairne. 'S e an t-àite as caoile an Caolas Mòr.

Tha tràigh mhòr ghainmhich aige ann am Barrasdal far a bheil an t-slighe bho Cheann Loch Shubhairne a' tighinn gu crìch. Tha ostal an sin agus àite-campachaidh. Tha trì bailtean air bruthaichean an locha, Ceann Loch Shubhairne air taobh an ear, agus Arnasdal agus Corran air bruthaichean ear-thuath. 'S e àite glè iomallach a th' ann.

Tha Beinn Sgritheall ag èirigh os cionn an locha faisg air Arnasdal air taobh an ear-thuath, agus Ladhar Bheinn air taobh an iar-dheas an locha.

Chan eil bàtaichean-aiseig a' dol thairis air Loch Shubhairne.

A rèir beul-aithris chithear uilebheist bho àm gu àm ann an Loch Shubhairne.[1]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Lindsay Selby: Loch Hourn monster

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: