An 1677, phòs e Màiri, an nighean a bu shine aig Rìgh Seumas VII is II. An 1688, thugadh fiathachadh dha le còmhlan de mhòr-uaislean Shasainn e thighinn a-nall a bhith na rìgh an àite Sheumais. Rinn e sin, anns an "Ar-a-mach Glòrmhoir". Chaidh a chrùnadh na Rìgh (Uilleam III) Shasainn is Èirinn air 13mh Gearran 1689, agus chaidh a ghairm na Rìgh (Uilleam II) Alba air 11mh Giblean 1689, ann an co-bhonn le bhean, a' Bhan-righ Màiri.
Riaghlaich e bho 1689 gu a bhàs air 8 am Màrt1702. Cha do thadhail e air Alba a-riamh.
Cha robh sliochd aig Uilleam is Màiri, mar sin shealbhaich Anne, an nighean a b' òige le Seumas, na trì rìoghachdan (Sasainn, Alba is Èirinn).