Poblachd na h-Èireann
Éire | |
---|---|
![]() Bratach |
![]() Gearradh-arm |
![]() | |
Laoidh Nàiseanta | |
Amhrán na bhFiann The Soldier's Song | |
Sluagh-ghairm nàiseanta | |
Éire go Brách (neo-oifigeil) | |
Cànan(an) oifigeil | Gàidhlig na h-Èireann,Beurla |
Prìomh-bhaile | Baile Átha Cliath |
Baile as motha | Baile Átha Cliath |
Riaghaltas | Poblachd (Deomocrasaidh pàrlamaideach) |
Ceann-suidhe | Michael D. Higgins |
Taoiseach | Micheál Martin |
Tánaiste | Leo Varadkar |
Stèidheachadh | |
Neo-eisimeileachd
bhon Rìoghadh Aonaichte |
24mh, an Giblean 1916 |
Ainichte | 6mh, an Dùbhlachd 1922 |
bun-reachd làithreach | 29mh, an Dùbhlachd 1937 |
Farsaingeachd | |
Iomlan | 70,273 km² (120mh) |
Uisge | 2.00 % |
Àireamh-shluaigh (2008) | |
Iomlan | 4,422,100 |
Dlùths | 60.3/km² (139mh) |
LTD/CCC (2006) | |
gach pearsa | $45,600 (8mh) |
Roinn tìde | WET (UTC+0) |
as t-samhradh | WEST (UTC+1) |
Ruith-airgid | Euro (€) |
Prìomh àrainn-lìn | .ie |
Còd Àireamh fòn | 353 |
Is e dùthaich ann an Roinn-Eòrpa a tha ann am Poblachd na h-Èireann.[1][2] Tha i suidhichte air eilean Èireann. Tha crìochan aice sa tuath le Èirinn a Tuath. Tha an Cuan Siar san iar na dùthcha agus Cuan na h-Éireann san ear. Tha Sruth na Maoile eadar Alba is Èirinn. A-rèir an lagh chan eil Poblacht na hÉireann (Beurla: Republic of Ireland) ach "tuairisgeul" na stàite, ach tha Éire ainm na tìre.[3] 'S e TG4 an sianal telebhisein aca a tha ag obair tro mheadhan na Gàidhlig na h-Èireann anns a' Phoblachd.
Bailtean as motha
Giùlan
Is e Córas Iompair Éireann neo CIE am Coras (Siostam) Iomair (còmhdhail) nàiseanta a tha ann an Èirinn. Tha iad ag obair ri chèile le trì companaidhean eile:
- Iarnród Éireann, an rathad-iarainn nàiseanta
- Bús Éireánn
- Bús Átha Cliatha
Tha na prìomh rathaidean agus na Motor-bhealaich fo cùram Údaras nan Boithre Naiseanta (Ùghdarras nan Rathaidean Nàiseanta). Tha lìonradh nan Rathaidean Nàiseanta stèidhichte air Baile Atha Cliath, le na prìomh rathaidean mar gathan a' sìneadh a-mach ri gach ceàrnag na dùthcha. Tha na Rathaidean Nàiseanta gu lèir clàraichte le àireamh còmhla leis an ro-litir N. A measg na prìomh rathaidean, chaidh am N1 an aghaidh Beul-Feirste, am N4 gu Sligeach agus N8 gu Corcaigh. Tha an M1 agus an M8 a nis air toirt ionad N1 agus N8, agus tha Motor-bheallach iomlan mun chuairt Baile Atha Cliath a fhèin.
Is e Aer Lingus companaidh-adhair nàiseanta Èireannach. Bidh ea 'siubhal gu cinn-uidhe san Roinn Eòrpa agus ann an Ameireaga. 'S e companaidh phlèanaichean Èireannach a tha ann an Ryanair. Tha i a' toirt seirbheis gu àitichean air feadh na Roinn-Eòrpa.
Spòrs
Is mòr spòrs le muinntir na h-Èireann. Is Cumann Luth-Cleas Gàidhlig na h-Èireann an ùghdaras spòrs nàiseanta as cudthromaiche ann an Èirinn. Is iadsan prìomh spòrsan sgioba na h-Èireann: Peile agus Camanachd ( Camanachd Eireannach), chanar camogie ri camanachd nan mnà. Is gann am paraiste as aonais club CLG ionadail.
Tha mion n-uidh ann an iomadh spòrs buidheann eile m.e.:
- Sgioba nàiseanta criogaid na h-Èireann
- Sgioba nàiseanta rugbaidh na h-Èireann
- Aonadh Rugbaidh na h-Èireann
Air barrachd, tha uidh mòr an co-ruith nan eich agus nan coin agus bithidh iomadh daoine ri "camanachd nan gall".
Faic cuideachd
- Poileataics ann an Èireann
- Taoisigh na h-Èireann
- Cóigeimh na h-Éireann
- Geilleagar na h-Éireann
- Eachdraidh na h-Éireann
- Aramach na Càisge
- Eòlas-ur-sgeulachd na h-Èireann
Iomraidhean
- ↑ Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
- ↑ Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
- ↑ Article 4 of the Constitution of Ireland and Section 2 of the Republic of Ireland Act 1948.
Ceanglaichean a-mach
- Áras an Uachtaráin — Duilleag oifigeil ceann-suidhe Poblachd na h-Èireann (Gàidhlig na h-Èireann)
- Ireland Story — Eachdraidh, cruinn-eòlais agus naidheachdan