Seulra

O Uicipeid

Cainnt Ghàidhlig aosmhor, sònraichte o seann ri na ceàrdaich. B' e creideamh nan ceàrd fhèin gur e chainnt fa-leth a bha anns an Seulra, ach is e a bha ann ach cruth dìomhair na Gàidhlig, cruthaichte le atharrachadh fuaimean neo òrdugh nan fuaim taobh a-steach facail fa-leth.

Tha ainm air a' chainnt fhèin a' comharrachadh an dà fheart. Is e a tha ann "Seulra" ach "Beurla" le "Seilleach" an aite "Beith" agus "Ruis" is "Luis" air gabhail ionad a cèile. Tuigsear, gur e cainnt aosmhor a tha anns an t-Seulra, agus anns an linn a chaidh a chruthachadh cha robh am facal "Beurla" a' ciallachadh canan sònraichte mar a tha e an-diugh ach "canan" san fharsaingeachd. Mar sin chan eil "An Seulra" ach a' ciallachadh "An Canan".

Bha caochladh ainmean aig na Gaidheal nach do bhuin ri Clann nan Ceàrd air an Seulra, na measg "Laidionn nan Ceàrd", "Beurlagar" agus "Gàidhlig nan Ceàrd".

Tùsan[deasaich | deasaich an tùs]

  • Chambers Encyclopedia New Edition (1935), Rol IX, Duilleag 329. Faic "Shelta".