Cù
Cù | |
Rangachadh saidheansail | |
Rìoghachd | Animalia |
Fìleam | Chordata |
Clas | Mammalia |
Òrdugh | Carnivora |
Teaghlach | Canidae |
Gèineas | Canis |
Spèiseas | C. lupus |
Fo-spèiseas | C. l. familiaris |
Ainm saidheansail | |
---|---|
Canis lupus familiaris (Linnaeus, 1758) |
Tha an cù (Laideann: Canis lupus familiaris, Cuimris: ci) na shineach feòil-itheach anns an òrdugh Carnivora, a tha cumanta mar pheata, beathach seilg agus beathach obrach. Tha an dlùth-cheangal eadar daoine agus coin air maireachdainn co-dhiù 17,000 bliadhnaichean; their cuid "an co-cheangail" ris an dàimh seo. Is fhada bho bha daoine dhen bheachd gur h-ann bho mhadaidhean-allaidh a thàinig an gnè Canis familiaris[1]. Tha iomadach seòrsa is briod de choin; faic mar eisimpleir an diofar eadar an Chihuahua beag biodach agus an Irish Wolfhound, neo eadar na diofar seòrsaichean abhagan agus am miol-chù. Tha gaoisid dhen a h-uile seòrsa is dath orra eadar dubh is geal, ruadh, riabhach, liath is donn. Tha coin, mar a tha daoine, nam beathaichean sòisealta, agus tha sin a' cur an cèill carson a tha iad cho math gu trèanadh, cho spòrsail, agus carson a tha iad cho comhfhurtail am measg daoine. Tha ceann math orra, le cuimhne a mhaireas fada, agus comas aca iad a bhith glè luath-aireach ann an cuid a shuidheachdain; tha sin gam fàgail glè fheumail do mhac an duine. Ged-tà tha cuid de chultaran, m.e. Islam, a' smaoineachadh gur e rud salach grànta a tha anns a' chù. Ann an cultaran eile, thèid an ithe.
Abairtean mu dheidhinn coin
[deasaich | deasaich an tùs]- Am Fear a bhios air dheireadh, bidh na coin comaidh ris.
- Cho sgìth ri seann chù.
- Cho math ris a' chù!
- Cho cam ri cù a' muin san t-sneachd.
Faclair nan Coin
[deasaich | deasaich an tùs]- Albanais - ham, ham
- Arabais - haw, haw
- Armenis - haf, haf
- Beurla - woof woof; ruff ruff; bow-wow
- Bulgàiris - bau-bau (бау-бау); jaff, jaff (джаф-джаф)
- Catalanais - bup, bup
- Coreanais - mŏng, mŏng (멍멍) [mʌŋmʌŋ]
- Danmhairgis - vov, vov
- Duitis - waf, waf; woef, woef (co-ghuthach ri woof woof)
- Eabhra - hav, hav (הב–הב)
- Eadailtis - bau, bau
- Esperanto - boj, boj
- Estonais - auh, auh
- Fionnlannais - hau, hau; vuh, vuh
- Frangais - ouah, ouah; ouaf, ouaf
- Gearmailtis - wuff, wuff; wau, wau
- Greugais - gav, gav
- Hindis - bho, bho (भो-भो)
- Iapanais - wan, wan (ワンワン)
- Indonais - guk, guk
- Islandais - voff, voff
- Latbhianis - vau, vau
- Lithuanian - au, au
- Lochlannais - voff, voff
- Persis - vogh, vogh(وغوغ)
- Pòlais - hau, hau
- Portagailis - au, au
- Romanais - ham, ham or hau, hau
- Ruisis - gav, gav (гав-гав)
- Searbais - av, av (ав-ав)
- Seicis - haf, haf
- Sìonais - wang, wang
- Spàinntis - jau-jau; guau, guau
- Suainis - voff, voff; vov, vov
- Thai - hoang, hoang
- Turcais - hav, hav
- Ungairis - vau, vau
Ceanglaichean
[deasaich | deasaich an tùs]Ceanglaichean a-mach (Gàidhlig)
[deasaich | deasaich an tùs]- Bheataireachd san Eilean Sgitheanach
- BBC Naidheachdan 2016-01-21: Cogadh nan Con san Aghaidh Mhòir (aithris bhideo air réisean Husky, 1:35)
- BBC Naidheachdan 2016-03-16: Meanbh-sgealb nan coin (aithris bhideo 1:59) - feumaidh meanbh-sgealb a-nis bhith anns gach cù ann am Breatainn
- BBC Naidheachdan 2016-04-06: Comharrachadh nan Con (aithris bhideo 2:11)
- BBC Naidheachdan 2016-12-02: Rabhadh mu chuileanan aig àm na Nollaige (aithris-bhideo 2:02)