Esperanto
'S e Esperanto an cànan fuadain as ainmeile agus as soirbheachaile de na h-uile a chaidh an cruthachadh (Volapük, Ido, Interlingua, Novial, ⁊c.) air son conaltradh eadar na pobaill den talamh a dhèanamh nas fhasa.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chuireadh air bog e leis an Dr. Ludwick Lazurus Zamenhof, lighiche Pòlainneach, ann an 1887, agus an diugh cha mhòr nach eil dùthaich sam bith air an talamh far nach eil luchd-labhairt Esperanto. Sa mhòr-chuid de na tìrean chan eil na h-Esperantaich pailt, ach tha Esperanto làidir ann am Braisil agus àireamh ait' eile. Is ann air faclan cumanta cànanan na h-Eòrpa (gu h-àraidh nan cànan Laideannach) a tha faclair Esperanto stèidhichte, ach tha Esperanto fada nas fhasa a dh'ionnsachadh na teanga sam bi eile, a chionn ‘s nach eil gnìomhairean neo-riaghailteach, mura-bhith no gnàthasan-cainnt mì-sheaghach innte. Thèid aig duine tùrail sam bith Esperanto a thogail ann an deicheamh den ùine a tha e ag iarraidh airson, can, Fraingis no Gearmailtis a dh'ionnsachadh.
Litreachas agus eadar-theangaichean
[deasaich | deasaich an tùs]Tha a’ chànan seo saidhbhir ann an litreachas eadar-theangaichte agus tùsail. Gheibhear eadar-theangaidhean Esperanto de dh'iomadach leabhar cudthromach: am Bìoball, an Coràn, am Bhagavad Gita, obraichean Shakespeare, Goethe, Dante, Cervantes, ⁊c. Tha eadar-theangaidhean de litreachas Esperanto ann an cànanan eile – mar eisimpleir an duan fada La infana raso (An Cinneadh Leanabail) leis a' bhàrd Esperantach Albannach Uilleam Auld (1924-2006), a chaidh fhoillseachadh anns a' Ghàidhlig, còmhla ri àireamh eadar-theangaidhean eile, air duilleagan-lìn an Association of Esperantophone Writers (Esperantlingva verkista asocio)[1]. Thatar a' measadh La infana raso mar sàr-obair an litreachais ann an Esperanto, agus air bhunait na h-oibre seo, chuireadh ainm Auld air adhart mar tagraiche air son Duais Nobel ann an Litreachais ann an 1998.
Breithneachadh
[deasaich | deasaich an tùs]Chan eil Esperanto gun breithneachadh, math is dona. Mar eisimpleir, bha mòran argumaidean san eachdraidh, agus thàinig cànain ùra eadar-nàiseanta as, mar "Ido" agus "Interlingua".
Am measg na beachdan an aghaidh:
- Theirear nach eil Esperanto eadar-nàiseanta idir, ach cànan Eòrpach le gràmar is faclan Eòrpach ann.
- Chan eil riaghaltas sam bith, neo na Nàiseanan Aonaichte ga cleachdadh.
- Tha cuid ag ràdh gu bheil cànan Klingon aig àireamh as àirde.
Tuilleadh leughadh
[deasaich | deasaich an tùs]- MacAoidh, Garbhan Esperanto - Cànain an Dòchais (an trì pàirtean an) Gairm, Àir. 134, 135, 136 (1986).
- Màthair-adhbhair an fhiosrachaidh: Cumann Esperanto na hÉireann, Tulach Mhór.
- Prìomh làrach airson luchd-ionnsachaidh Esperanto