Bulgàiris

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Bulgàiris/български език
Fuaimneachadh ˈbɤ̞ɫɡɐrski ɛˈzik
Far a bheil i 'ga bruidhinn
Luchd-labhairt iomlan

9,097,220[1]

Teaghlach-chànan

Indo-Eorpach

Siostam-litreachaidh Aibidil Cirileach
Inbhe Oifigeil
Far a bheil i 'na chànan oifigeil Bulgàiria
'Ga riaghladh le IBL
Còdan Cànan
ISO 639-1 bg
ISO 639-2 bul
ISO 639-3 bul
Roinnean far a bheil Bulgàiris ga bruidhinn

'S e cànan sa gheug slabhach de na cànanan Innd-Eòrpach a th' ann am Bulgàiris neo български език. Tha Bulgàiris ga bruidhinn le timcheall air 7,990,000 duine ann am Bulgàiria, far a bheil i na cànan oifigeil agus 1,107,220 ann an corra àite ann an Romàinia, An t-Sèarb, An Ucràin agus ann an coimhearsnachdan eile air feadh an t-saoghail, còmhla ri cànain eile. Chaidh a' chiad leabhar fhoillseachadh ann am Bulgàiris anns an 9mh Linn. A bharrachd air sin, thathar ga sgrìobhadh anns an Aibidil Cirillach, neo Kirilitsa (Кирилица).

Eiseimpleir[deasaich | deasaich an tùs]

  • Bulgàiris:

Bсички хора се раждат свободни и равни по достойнство и права. Tе са надарени с разум и съвест и следва да се отнасят помежду си в дух на братство

Vsichki khora se razhdat svobodni I ravni po dosojnstvo i prava. Te sa nadareni s razum i s’vest i sledava da otnastjat pomezhdu si dukh na bratstvo.

Tha gach uile duine air a bhreith saor agus co-ionnan ann an urram 's ann an còirichean. Tha iad air am breith le reusan is le cogais agus mar sin bu chòir dhaibh a bhith beò nam measg fhèin ann an spiorad bràthaireil.[2]

Bulgàiris Bhunaiteach[deasaich | deasaich an tùs]

  • Dobre došãl. – Fàilte[3]
  • Kak ste? – Ciamar a tha thu?
  • Dobro utro – Madainn mhath.
  • Dobãr den. – Feasgar Math.
  • Dobãr večer. – Oidhche mhath.
  • Doviždane. – Mar sin leat.
  • Zdravejte. – Halò.
  • Sãžaljavam. – Tha mi duilich.
  • Izvinete. – Gabh mo leisgeil.
  • Blagodarya. – Mòran taing.
  • Kade e toaletnata? Càite a bheil an taigh beag?
  • Az ne znam. – Chan eil fhios agam.
  • Običam te. – Tha gaol agam ort.
  • Nazdrave! – Slàinte!

Coimeas ri Cànain eile[deasaich | deasaich an tùs]

Tha Bulgàiris uabhasach coltach ri cànain Slàbhach eile, gu h-àraidh Masadòinis, Searbais, Pòlais agus Ruisis:

Ainmearan
Bulgàiris (Български) Masadòinis (Македонски) Searbais (Српски/Srpski) Ruisis (Русский) Pòlais (Polski) Gàidhlig
дърво дрво дрво/drvo дерево drzewo craobh
картоф/компир/барабой компир кромпир/krompir картофель ziemniak, kartofel buntàta
котка мачка мачка/mačka кошка kot cat
куче, пес куче, пес пас/pas собака, пёс pies
къща, дом куќа, дом кућа, дом / kuća, dom дом dom taigh/dachaigh
маса маса сто/sto стол stół bòrd
мляко млеко млеко/mleko молоко mleko bainne
стол стол столица/stolica стул krzesło seathair
Gnìomhairean
Bulgàiris (Български) Masadòinis (Македонски) Searbais (Српски/Srpski) Ruisis (Русский) Pòlais (Polski) Gàidhlig
имам имам имам/imam имею mam Tha … agam
искам, желая сакам желим, хоћу/želim, hoću хочу, желаю chcę Tha mi ag iarraidh
правя,върша правам, вршам вршим/vršim делаю robię Tha mi a’ deànamh
ходя, вървя одам, врвам ходам/hodam хожу chodzę Tha mi a’ coiseachd
говоря, думам, приказвам, казвам зборувам, говорам говорим/govorim говорю mówię Tha mi a’ bruidhinn
намирам наоѓам налазим/nalazim нахожу znajduję Tha mi a’ lorg
ям јадам, ручам једем/jedem ем jem Tha mi ag ithe
пия пијам пијем/pijem пью piję Tha mi ag òl

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Ethnologue
  2. OHCHR
  3. Omniglot

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]