Fine Gael
Fine Gael | |
Fiosrachadh | |
Stèidheachadh | 8mh An t-Sultain 1933 |
Luchd-stèidheachaidh | Léinte Gorma Lár-Pháirtí Náisiúnta Cumann na nGaedheal |
Àite-Stèidheachaidh | Baile Àtha Cliath |
Beachd-Smuainealas An-Dràsda | Deamocrasaidh Crìosdaidheachd |
Oifisean | 51 Sráid an Mhóta Uachtarach, Baile Àtha Cliath 2, Poblachd na h-Èireann |
Cathraiche | Éanna Ó Cionaoith |
Riaghaltas | Ann an co-bhann |
'S e partaidh poileatagach ann am Poblachd na h-Èireann a tha ann am Fine Gael.
Eachdraidh agus Feallsanachd
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh am pàrtaidh air stèidheachadh leis an Seanaireal Eoin Duffy, de Oglach na h-Èireann (Arm Saor-stàit na h-Èireann), as deidh esan air crìochnachadh túras-rothaire Eòrpa aig deireadh na 1920an. Bha Pàrtaidhean Faiseaich a' nochdadh air feadh Eòrpa aig an ám agus bha ìomhaigh dearbhach de tìr-graidh adhartach aig an gluasad. Stèidhich Duffy Eagaireachd de Fir nan Leine Gorma, mac-shamhla de na dubh-leintaich aig Mussolini. Is ann as an eagaireachd sin a chaidh stèidhicheadh air Fine Gael (Sloighne nan Gaidheal). Tha fèin-dearbhadh cinnidh soillear an ainm a' Phartaidh chun latha an diugh.
Tuigsear, gu tanaig Fine Gael a bhi dlùth-cheangailte le na daoine a dh'aontach leis an "Treataidh" de 1921, agus a bha air taobh na Saor-Stait (An aghaidh na Poblanaich, a chaidh fo cheannardas Éamon de Valera) rè an cogadh sìobhalta de 1921-22.
Coltach ri Fianna Fáil (Feachd na Fàil), am pàrtaidh Poblanach a stèidhich De Valera, tha freumhan Fine Gael ann an Sinn Féin, cha mhòr nach do choisinn gach cathair Eireannach 's an taghadh coitcheann de 1919. Tha e cudthromach ri aithneachadh gun do sheas am Pàrtaidh Làbarach, pàrtaidh Seamus O Connghaile, ris an taobh airson an taghadh coitcheann de 1919, taghadh a bha an suil na h-Èireannaich na de facto referendum air neo-eisimileas.
Anns an latha an diugh, is e pàrtaidh Deamocratach den mheadhan-dheas a tha anns an Fine Gael.