Gallaibh

O Uicipeid
Gallaibh
[[Faidhle:|px]]
Bratach a' bhaile gun ghearradh-arm

Sealladh air Hàcraig bho Bheinn Freiceadain.
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Sgìre Gallaibh
Prìomh-bhaile Inbhir Ùige
Co-chomharran 58° 11′ 5.09″ T
3° 30′ 2.73″ I
Comharradh-clèithe NH7985089650
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 618 km²
Àireamh-shluaigh 23,866 (2001)
Dlùths 38.62/km²
Fios Eile
Cànan Beurla, Beurla Gallda, Gàidhlig

Is e an sgìre as fhada dhan tuath air tìr mhòr de Gàidhealtachd na h-Alba a tha ann an Gallaibh (Beurla: Caithness). Tha i suidhichte air ceann an ear de ear-thuath na h-Alba, le Linne a' Phentland dhan tuath. Chan eil crìoch aige le sgìre eile ach A' Chataibh a' mhàin.

Dualchas & Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Tha dualchas Gàidhealach aig Gallaibh a dh'aindeoin a h-ainm,[1] ach tha an dualchas sin air crìonadh gu mòr. Thadhal na Lochlannaich gun teagamh, ach chan eil ainmean àite na sgìre a thoirt fianais ris a' bheachd gun do stèidhich Lochlannaich bailtean-fhearann idir. Ged a tha eachdraidh Lochlannach aig na h-eileanan de dh'Arcaibh agus de Shealtainn dhan tuath, tha eachdraidh Lochlannaich aig iomadh baile sìos cost an ear Sasainn; Ioirc mar eisimpleir, neo Cathair Corcaigh an Èirinn tòrr nas soilleir na eachdraidh "Lochlannaich" Gallaibh.

Mhair a' Ghàidhlig anns na sgìrean siarach de Ghallaibh dhan 20mh linn.

A rèir an New Statistical Account de 1841, bu gann gun tuigsear facal Gàidhlig taobh sear de Burn of Clyth, agus air an taobh siar dh'fhuiling a' Bheurla an dearbh dàin.

Ann an 1911 bha a' Ghàidhlig aig 1,685 daoine, a' riochdachadh 6.7% den sluagh, ged nach robh ach 22 dhaibh na b' òige na 20 bliadhna.

"Tha meomhrag preisbeatraidh de 1727 ag ràdh de 1,600 daoine a bha air 'ruigsinn inbheas', nach robh ach Gàidhlig a-mhàin aig 1,500, agus cha robh ach còignear le comas leughaidh. B' i a' Ghàidhlig aig an àm seo na prìomh chainnt anns a' chuid bu mhòr de na paraisdean ach airson Bower, Canisbay, Dunnet agus Olrig".[2]

Taigh Iain Ghròt[deasaich | deasaich an tùs]

Taigh Iain Gròit

Tha Gallaibh ainmeil airson "Taigh Iain Gròit", far an robh Duitseach don b' ainm Iain a ruith aiseag dha Arcaibh uaireigin anns an linn Hainseatachd. Bha fàradh an aiseig seo a' cosgadh gròt. A rèir na h-ùghdarrasan Turasachd tha Taigh Iain Ghròit aig a' phuing as fhaide tuath air Tìr Mòir na h-Alba. Gu mì-fhortanach chan eil seo fìor: Tha Am Parbh ann an Cataibh aig ceann siar den chosta a tuath nas fhaisge air a' Mhùl.

Rianachd na Sgìre[deasaich | deasaich an tùs]

Bha Gallaibh na siorrachd fa-leth sìos gu 1974, nuair a chaidh eagar ùr air riaghladh ionadail na h-Albainn, bho 1974 gu 1996 bha dà inbhe de riaghaltas ionadail air feadh Alba. Rè an ùine sin bha Gallaibh na sgìre (le comhairle sgìreil) de Roinn na Gàidhealtachd. Chaidh ath-rèiteachadh air riaghaltas ionadail na dùthcha a-rithist ann an 1996, chaidh Gallaibh air a pasgadh a-steach ri roinn ùr don ainm "A' Ghàidhealtachd". Mhair siostam rianachd stèidhichte air na sgìrean de 1974 airson deichead eile gu Giblean 2007, nuair a chaidh ath-eagarachadh air a' Chomhairle, a tha an-diugh air an roinneadh airson adhbharan rianachd eadar trì sgìrean. Tha Gallaibh na pàirt den sgìre a thuath.

Bailtean[deasaich | deasaich an tùs]

Is e Inbhir Ùige a tha suidhichte air an taobh searach, prìomh-bhaile na sgìre. Tha an taigh staile "Old Pulteney" agus cala meadhanach mòr aig a' bhaile. Tha Inbhir Theòrsa, na dara bhaile Ghallaibh air a' chosta a tuath. Is ann aig Sgrabastal, baile iasgaich 2 mhìle dhan iar a Inbhir Theòrsa a tha an aiseag airson Arcaibh. Tha flacais niùclasach aig Dùnrath.

Cruinn-eòlas[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Old Statistical Account
  2. Eadar-Theagaichte bho: Omand, D. From the Vikings to the Forty-Five, in The Caithness book

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Faic cuideachd[deasaich | deasaich an tùs]

Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: