Jump to content

An Dail Shuas

O Uicipeid
An Dail Shuas

Drochaid anns an Dail Shuas
Map
An Dail Shuas is located in Alba
An Dail Shuas
An Dail Shuas (Alba)
58°26′48″N 3°29′40″W
Suidheachadh
Comharradh-clèithe ND128519
Dùthaich Alba
Comhairle Comhairle na Gàidhealtachd
Siorrachd Gallaibh
Paraiste Halkirk
Ainm
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh
Còd-puist KW12 6

'S e baile beag ann an Gallaibh a tha anns an Dail Shuas.[1][2] Tha Ainmean-Àite na h-Alba a' moladh an crutha Beurla Westerdale. [3] Tha e na laighe air Abhainn Theòrsa, mu 5 mìle (8 km) deas air Hàcraig. Tha an rathad B870 a' ruith tron bhaile. Tha seann drochaid ann a thogadh ann an 1834, a nochdas air liosta nan togalaichean clàraichte, roinn-seòrsa B.[4]

Tuath air an Dail Shuas, faisg air an abhainn, chithear Tulach an Fhuarain, borg a tha is dòcha à Linn an Iarainn. [5] Anns an 18mh linn chaidh Westerdale Dale House a thogail tuath air a' bhaile.[6] Tha e clàraichte air liosta nan togalaichean, roinn-seòrsa B, le Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Mac an Tàilleir, Iain (2003): Ainmean-Àite”, td. 118. Air a thogail 14mh dhen Ghearran 2017.
  2. An Dail Shuas”. Stòr-dàta briathrachais SMO. Air a thogail 14mh dhen Ghearran 2017.
  3. Westerdale”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 26mh dhen Iuchar 2020.
  4. Westerdale Bridge (Beurla). Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba.. Air a thogail 14mh dhen Ghearran 2017.
  5. Tulach An Fhuarain, Dale (Beurla). Canmore. Air a thogail 14mh dhen Ghearran 2017.
  6. WESTERDALE DALE HOUSE”. Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba. Air a thogail 14mh dhen Ghearran 2017.