Bearghdal
Bearghdal | |
Sealladh air tràigh Bhearghdal | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Comhairle na Gàidhealtachd |
Siorrachd | Gallaibh |
Co-chomharran | 58° 11′ 22″ T 3° 29′ 45″ I |
Comharradh-clèithe | ND120228 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 60 (1991) |
Còd-puist | KW7 |
'S e baile ann an Gallaibh a tha ann am Bearghdal (Beurla: Berriedale).[1] Tha e suidhichte air costa an ear far a bheil na h-aibhnichean Berriedale Water agus Langwater a' sruthadh ri chèile. Tha e mu 20 mìle (32 km) ear-thuath air Brùra. Ann an 1991 bha 60 duine a' fuireach an seo.[2] Tha sreath de thaighean faisg air an tràigh, b' àbhaist do na h-iasgairean fuireach an seo.[2] Chaidh eaglais a' bhaile a thogail ann an 1826 a rèir planaichean Thomas Telford.[2]
Iar-thuath air Bearghdal tha borg à Linn an Iarainn faisg air Ousdale Head. Air mullach creige faisg air a' cladach chithear tobhtaichean Caisteal Bhearghdal. Anns an 14mh linn bha an caisteal aig Reginald Cheyne no Rannald.[3] Iar air a' bhaile tha Langwell House ann a chaidh a thogail anns an 18mh/19mh linn.[4]
Dealbhan
[deasaich | deasaich an tùs]-
Eaglais ann am Bearghdal.
-
Taighean faisg air an tràigh.
-
Sealladh air Langwell House.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Berriedale/Bearghdal”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 28mh dhen Dùbhlachd 2016.
- ↑ 2.0 2.1 2.2 “Berriedale” (Beurla). Gazetteer for Scotland. Air a thogail 15mh dhen Ghearran 2017.
- ↑ “Berriedale Castle” (Beurla). Canmore. Air a thogail 15mh dhen Ghearran 2017.
- ↑ “Langwell House” (Beurla). Canmore. Air a thogail 15mh dhen Ghearran 2017.
Bailtean | Allt nam Breac • An t-Achadh Siar • Balnabruich • Bearghdal • Bàgair • Baile a' Chaisteil • Baile Seònaid • Am Bràigh Mòr • Caladal nan Gall • Canaispidh • An Dail Shuas • Dùn Bheathadh • Dùnaid • Dùnrath • Fresgoe • Hàcraig • Inbhir Ùige • Inbhir Theòrsa • Liabost • Latharan • Latharan a' Phuill • Meadhrath • Sgrabstal • Sgarbh Sgeir • Taigh Iain Ghròta |
Eileanan | Stroma |