Brùra
Brùra | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Comhairle na Gàidhealtachd |
Siorrachd | Cataibh |
Co-chomharran | 58° 0′ 36″ Tuath 3° 51′ 0″ Iar |
Comharradh-clèithe | NC906039 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 1,282[1] (2011) |
Duilleag oifigeil | http://www.crofthaugh.fsnet.co.uk/ |
'S e baile air a' Ghàidhealtachd a tha ann am Brùra (Beurla: Brora).[2] Tha am baile suidhichte anns an t-siorrachd traidiseanta Cataibh air a' mhòr-rathaid A9.
Anns a' bhliadhna 2020 bha 1210 duine a' fuireach an seo[3] agus 1282 ann an 2011.[1]
Tha gnìomhachas beag aige, mar eisimpleir: Iasgach, buinig chlach agus a’ togail bàtaichean. Bha taigh-staile uisge-beatha ann eadar 1819 is 1983. [4] An-diugh cleachdar togalaichean an taigh-staile mar ionad-fiosrachaidh airson an Clynelish Distillery a tha faisg air. Tha stèisean ann cuideachd air Loidhne a' Chinn a Tuath eadar Caisteal Dhùn Robain agus Bun Ilidh.[5]
Thàinig ainm a' bhaile às an t-Seann-Lochlannais agus tha e a' ciallachadh "Abhainn na Drochaid" (Bridge river). A-rèir Iain Mhic an Tàilleir chleachdadh an t-ainm dìreach air an abhainn a-mhàin, b' e Inbhir Bhrùra an t-ainm a bha air a' bhaile. [6]
Rinn Nancy Dorian, cànanaiche às na Stàitean Aonaichte rannsachadh mu ìre na Gàidhlig aig na daoine na bha a' fuireach an seo.[7]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ 1.0 1.1 Brinkhoff, Thomas: “Scotland (United Kingdom) - Council Areas & Localities - Population statistics in maps and charts”. Air a thogail 31mh dhen Dùbhlachd 2016.
- ↑ “Brora/Brùra”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 25mh dhen Iuchar 2020.
- ↑ “Mid-2020 Population Estimates for Settlements and Localities in Scotland”. Clàran Nàiseanta na h-Alba. Air a thogail 30mh dhen t-Sultain 2024.
- ↑ The Whisky Guide
- ↑ “Brora”. Rèile na h-Alba. Air a thogail 31mh dhen Dùbhlachd 2016.
- ↑ Iain Mac an Tàilleir, "Ainmean-Àite", duilleag 23, Pàrlamaid na h-Alba
- ↑ Nancy Dorian: East Sutherland Gaelic: The Dialect of the Brora, Golspie, and Embo Fishing Communities, 1978, Dublin Institute for Advanced Studies
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]Bailtean | Àird Ghaoithe • Brùra • Bun Ilidh • Caisteal Dhùn Robain • Ceann a' Bhràiste • Cinn Donnain • Cùil Rathain • Dail Healabhaig • Diùranais • Fors An-Àird • Goillspidh • Inbhir Sin • Innis nan Damh • Loch an Inbhir • Luirg • Sgìre Raoird |
Cruinn-eòlas | An Caol Catach • Beinn Chlìbric • Beinn Hòb • Beinn Mhòr Asaint • Cona Mheall • Loch Sìn • Am Parbh |
Roinnean | Asaint • Dùthaich MhicAoidh • Srath Nabhair |