Cona Mheall (Asaint)

O Uicipeid
Cona Mheall (Asaint)

Bheinn Mhòr Asaint
Àirde (m) 987
Àirde (tr) 3,238
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Cona Mheall (Asaint) is located in Alba
Cona Mheall (Asaint)
Cona Mheall (Asaint) (Alba)
Suidheachadh Asaint
Mapa cumadh-tìre Landranger 15
Comharradh-clèithe NC30321993

'S e beinn ann an Asaint a tha ann an Cona Mheall (Beurla: Conival)[1]. Tha i 987m de dh'àirde, agus 's e Beinn Rothaich a th' ann. Tha i suidhichte mu 6km an iar 's an iar-dheas de dh'Innis nan Damh agus Loch Asainte.

Mar as trice bithear a' dèanamh air a' bheinn seo bho Innis nan Damh air an rathad A837. Dh'fhaodadh a cheangal le Beinn Mhòr Asaint a tha mu 1.6km san iar dheth. Mar as trice bithear a' gabhail an aon slighe sìos[2].

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air Asaint, Cataibh, Sula Bheinn agus Loch Sìn.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Stòr-dàta Briathrachais SMO
  2. Cona Mheall air Walkhighlands