Jump to content

Loch an Inbhir

O Uicipeid
Prìomh-rathaid Loch an Inbhir faisg air a' phort-mara
Port-mara Loch an Inbhir
Coille Chùlag
Sealladh air Caisteal Liath, air a' bheulaibh tha am port-iasgaich agus an Culag Hotel ann.

'S e am baile as motha ann an Asaint, Cataibh a tha ann an Loch an Inbhir (Beurla: Lochinver).[1] Tha am baile suidhichte san taobh an ear Loch Inbhir air an rathad A837 mu 30 mìltean san àird an iar-thuath Ulapul. 'S e seo na co-chomharran aige: 58° 9′ 0″ Tuath agus 5° 15′ 0″ Iar. Ann an 1991 bha 558 duine a' fuireach an seo. [2]

Tha oifis a' phuist, stèisean-pheatroil is mòr-bhùth ann am meadhan a' bhaile. Aig ceann deas prìomh-rathaid Loch an Inbhir tha Assynt Visitor Centre. Chaidh e fhosgladh ann an 1995 le Magnus Magnusson agus the a' gabhail a-steach taigh-tasgaidh, bùth-leabhraichean is Ionad Fiosrachaidh Luchd-turais. Tha clach-chuimhneachan chogaidh air cladach na locha, le ainmean nan saighdearan à Loch an Inbhir a bha air an chaill anns a' Chogadh Mhòr agus anns an Dàrna Cogadh. [3]

Eaconomaidh

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha iasgach is turasachd na roinnean as cudromaiche do dh'eaconomaidh a' bhaile.

Aig ceann a deas a' bhaile tha port ann a tha a' ruith leis an Highland Council. 'S e an dàrna port-mara iasgaich as motha ann an Alba, tha bàtaichean-iasgaich às an Roinn Eòrpa ga chleachdadh airson àm a shàbhaladh gun a bhith a' dol gu deas. Anns na 1992 chaidh am port a leudachadh agus ath-nuadhachadh, chuireadh roinn is goireasan airson luchdachaidh na bu fharsainge ris.

Tha an abhainn Inbhir a thèid a-mach Loch Asaint a' sruthadh tron bhaile. Tha mu 200 loch timcheall air a' bhaile, mar sin tha e tarraingeach do na h-iasgairean-slaite. Gheibhear bradain às an abhainn agus bric às na lochan.

Tha iomadach beinn timcheall air Loch an Inbhir a tha math airson sreap agus a' tarraing mòran luchd-turais don àite. Chithear Caisteal Liath, sgurr den t-Sula Bheinn air cùlaibh a’ bhaile.

Faisg air a' bhaile tha taigh-òsta ann ris an canar Culag Hotel. Thogadh e ann an 1873 mar taigh-eunaidh agus chaidh a chleachdadh mar taigh òsta bho 1880 a-mach. An dèidh teine ann an 1939 bha e air ath-thogail a-rithist agus air leudachadh.[4] Timcheall air an taigh-òsta tha pàirc choillteach nàdarra ann ris an canar Coille Chùlaig. Tha e a' ruith leis an Urras Coille Choimhearsnachd Chùlag, daoine às an àite fhèin. 'S e amas an urrais an cruth-tìre nàdarra a thoirt air ais agus a dhìonadh. Tha a' choille ainmeil gu h-àiridh airson nan griomain a tha a’ fàs air na craobhan o chionn ceudan de bhliadhnaichean. Gheibhear bileag le fiosrachaidh èic-eòlach is bith-eòlach aig oifis an urrais agus tha na slighean a’ leantainn do na h-àitichean inntinneach. 'S e Coille Chùlaig aon de na 70 pròiseactan Coille Choimhearsnachd ann an Alba. [5]

Bha Loch an Inbhir a' nochdadh anns an fhilm The Highlands and Islands - A Royal Tour, far am faicear obair criadhadaireachd den Highland Stoneware. Chaidh an gnothachas beag a stèidheachadh ann an 1974 le David Grant, duine as an àite fhèin, nuair a bha fhathast na oileanach anns an Royal College of Art ann an Lunnainn. Le sin chruthaich e cosnaidhean ùra a tha cho cudromach do na daoine ionadail. Ann an 2011 tha 18 daoine ag obair an seo. [6] Tha mòran de na pìosan criadhadaireachd a' sealltainn seallaidhean às an àite fhèin.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Iain Mac an Tàilleir, "Ainmean-Àite", duilleag 82, Pàrlamaid na h-Alba
  2. Gazetteer for Scotland Loch an Inbhir
  3. Assynt War Memorial
  4. Gazetteer for Scotland Eachdraidh Culag Hotel
  5. Coille Chùlag air Lochinver bordernet a' tarraing air 27mh an Lùnasdal 2011
  6. Highland Stoneware a' tarraing air 28mh an Lùnasdal 2011

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: