Jump to content

Beinn Hòb

O Uicipeid
Beinn Hòb

Beinn Hòb
Àirde (m) 927
Àirde (tr) 3,041
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Beinn Hòb is located in Alba
Beinn Hòb
Beinn Hòb (Alba)
Suidheachadh Dùthaich Mhic Aoidh
Mapa cumadh-tìre Landranger 9
Comharradh-clèithe NC47765017

'S e beinn ann an Dùthaich MhicAoidh a tha ann am Beinn Hòb (Beurla: Ben Hope). [1] Tha i faisg air Allt-na-h-Eirbhe agus deas air Tunga. 'S e seo na co-chomharran aice: 58° 24′ 48.78″ Tuath agus 4° 36′ 31.46″ Iar.

Tha i 927 meatair (3,041 troigh) a dh’àirde, agus 's e Beinn Hòb a' Bheinn Rothaich as fhaide tuath ann an Alba. Tha an t-ainm a' tighinn bhon seann Lochlannais hóp, agus 's ann bhon fhacal sin a thàinig am facal Gàidhlig òb[2].

Mar as trice bithear a' dèanamh air a' bheinn seo bho Mhuiseal air an rathad eadar Altnahara agus Òb. Mar as trice bithear a' gabhail an aon slighe sìos, agus cha bhithear ga ceangal le beinn eile.[3]

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air Loch Eriboll, Caolas Thunga, Asaint agus Beinn Chlìbric.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Stòr-dàta SMO
  2. Drummond, Peter (1991) Scottosh Hill and Mountain Names. Scottish Mountaineering Trust. d. 119
  3. Beinn Hòb air Walkhighlands