Beinn Chlìbric

O Uicipeid
Beinn Chlìbric

Beinn Chlìbric bho Srath Vagastie
Àirde (m) 962
Àirde (tr) 3,156
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Beinn Chlìbric is located in Alba
Beinn Chlìbric
Beinn Chlìbric (Alba)
Suidheachadh Dùthaich MhicAoidh
Mapa cumadh-tìre Landranger 16
Comharradh-clèithe NC58532990

'S e beinn ann an Dùthaich MhicAoidh a tha ann am Beinn Chlìbric (Beurla: Ben Klibreck)[1]. 'S e Meall nan Con an t-ainm a th' air a' mhullach. Tha e 962 meatair a dh’àirde, agus 's e Beinn Rothaich a th' ann. Tha an t-ainm a' tighinn bhon t-seann Lochlannais clete no klif agus brekka, a ciallachadh leathad bearraidh. Dh'fhaodadh e cuideachd tighinn bho chliath breac.[2].

Mar as trice bithear a' dèanamh air a' bheinn seo bho Vagastie air an rathad A36. Mar as trice bithear a' gabhail an aon slighe sìos, agus cha bhithear ga ceangal le beinn eile.[3]

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air Loch Naver, Loch Sìn, Asaint, Beinn Hòb agus Cataibh an Ear.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Ben Klibreck - Beinn Chlìbric”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 25mh dhen Iuchar 2020.
  2. Drummond, Peter (1991) Scottosh Hill and Mountain Names. Scottish Mountaineering Trust. d. 120
  3. Beinn Chlìbric air Walkhighlands