Jump to content

Taigh Iain Ghròt

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Taigh Iain Ghròta)
Taigh Iain Ghròt

Suidheachadh
Taigh Iain Ghròt is located in Alba
Taigh Iain Ghròt
Taigh Iain Ghròt (Alba)
Dùthaich Alba
Comhairle Comhairle na Gàidhealtachd
Siorrachd Gallaibh
Co-chomharran 58° 38′ 24″ T
3° 4′ 12″ I
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 300 (2007)
Àireamh fòn 01955
Còd-puist KW1

'S e baile ann an Comhairle na Gaidhealtachd a tha ann an Taigh Iain Ghròt[1] (Beurla: John o' Groats; farainm: The Groats). Tha e ann an Roinn Ghallaibh (Gallaibh an ear) air taobh tuath na h-Alba.

Acarsaid Taigh Iain Ghròta

'S e Taigh Iain Ghròta an t-àite far an robh Duitseach don b' ainm Iain a' ruith aiseag dha Arcaibh uaireigin anns an linn Hainseatachd. Bha fàradh an aiseig seo a' cosgadh gròt.[2] A rèir na h-ùghdarrasan turasachd tha Taigh Iain Ghròt aig a' phuing as fhaide tuath air tìr-mhòir na h-Alba. Gu mì-fhortanach chan eil seo fìor: Tha am Parbh ann an Cataibh aig ceann siar den oirthir an tuath nas fhaisge air a' Phòla.

Tha aiseag a' ceangal Taigh Iain Ghròta ri Burwick ann an Raghnallsaigh eadar an Cèitean agus an t-Sultain.[3]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. John O' Groats/Taigh Iain Ghròta”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 5mh dhen Fhaoilleach 2019.
  2. A Brief History of John O' Groats”. Visit John O' Groats. Air a thogail 29mh dhen Dùbhlachd 2016.
  3. John O' Groats Ferry - Timetable”. John O' Groats Ferry. Air a thogail 29mh dhen Dùbhlachd 2016.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]