Comhairle nan Eilean Siar

O Uicipeid
Comhairle nan Eilean Siar
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Poileataigs
Smachd neo-eisimileach
Sgìrean Phàrlamaid Westminster Na h-Eileanan an Iar
Sgìrean Phàrlamaid na h-Alba Na h-Eileanan an Iar
Roinn Phàrlamaid na h-Alba A' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 3,071 km²
Àireamh-shluaigh 28,000 (2010)
Dlùths 9.12/km²
Duilleag oifigeil http://www.cne-siar.gov.uk/

'S e comhairle ionadail a tha ann an Comhairle nan Eilean Siar a tha a' dèiligeadh leis na h-Eileanan Siar.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh Comhairle nan Eilean a chruthachadh ann an 1975 leis an Achd Riaghaltais Ionadail (Alba) 1973[1] as dèidh ath-òrdachadh air riaghladh ionadail agus nàiseanta a bha a' toirt na h-Eileanan an Iar gu lèir fon aon riaghladh. Fon an t-seann structair anns na h-eileanan bha naoi comhairlean ionadail le cumhachdan eadar-dhealaichte sna h-eileanan. B' iad Siorrachd Inbhir Nis agus na comhairlean sgìreil a bha a' stiùireadh ghnothaichean anns na Hearadh, Uibhist a Tuath, Beinn na Faoghla, Uibhist a Deas, agus am Barraigh. Bha Siorrachd Rois is Chrombaidh, Comhairle Sgìreil Leòdhais agus Comhairle Baile Steòrnabhaigh a' riochdachadh chùisean ann an Leòdhas. Ri linn na bha ri dhèanamh bha 1974 mar bhliadhna uallachaidh airson an dreach ùr a bha seo a thoirt gu bith.

Poileataigs[deasaich | deasaich an tùs]

Na taghaidhean ionadail 2017:[2]

# Uàrd Comhairlichean
1 Barraigh, Bhatarsaigh, Èirisgeigh agus Uibhist a Deas Neo-eisimeileach (2), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (2)
2 Beinn na Foghla agus Uibhist a Tuath Neo-eisimeileach (3)
3 Na Hearadh agus Ceann a Deas nan Loch Neo-eisimeileach (2), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1)
4 Sgìre Ùige agus Ceann a Tuath nan Loch Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba (1), Neo-eisimeileach (2)
5 Sgìre an Rubha Neo-eisimeileach (3)
6 Steòrnabhagh a Deas Neo-eisimeileach (3), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1)
7 Steòrnabhagh a Tuath Neo-eisimeileach (3), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1)
8 Loch a Tuath Neo-eisimeileach (2), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1)
9 An Taobh Siar agus Nis Neo-eisimeileach (3), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1)

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Local Government (Scotland) Act 1973”. legislation.gov.uk. Air a thogail 20mh dhen Lùnasdal 2016.
  2. Comhairle nan Eilean Siar”. BBC. Air a thogail 7mh dhen Chèitean 2017.