Comhairle Siorrachd Àir a Tuath

O Uicipeid
Comhairle Siorrachd Àir a Tuath

'S e aon de na 32 comhairlean na h-Alba a tha ann an Comhairle Siorrachd Àir a Tuath (Beurla: North Ayrshire Council).[1]

Suidheachadh[deasaich | deasaich an tùs]

Tha an cuid as motha dhith air tìr-mòr na h-Alba far an robh an t-siorrachd traidiseanta Inbhir Àir. Tha a' chomhairle a' gabhail a-steach cuideachd an t-eilean Arainn a bha aig Siorrachd Bhòid agus cuid de na h-eileanan ann an Linne Chluaidh, m. e.: Cumaradh Mòr agus Cumaradh Beag.

Tha Comhairle Siorrachd Rinn Friù, Comhairle Siorrachd Àir a Deas agus Comhairle Siorrachd Àir an Ear timcheall oirre.

Tha Comhairle Siorrachd Àir a Tuath cho mòr ri 885 cileameatair ceàrnagach agus bha 135830 duine a’ fuireach an seo ann an 2005.

'S e Irbhinn prìomh-bhaile ionadail na chomhairle.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Ainmean-àite na h-Alba (Dùbhlachd 2015): “Local Authorities ~ Ùghdarrasan Ionadail”. Air a thogail 26mh dhen Chèitean 2017. “Comhairle Siorrachd Àir a Tuath”

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]