Cumaradh Beag

O Uicipeid
Cumaradh Beag

'S e eilean anns an Linne Chluaidh a tha ann an Eilean Cumaradh Beag (Beurla: Little Cumbrae, far-ainm: Wee Cumbrae). Tha e suidhichte mu chilemeatair gu deas air Cumaradh Mhòr. 'S e seo na co-chomharran aige: 55° 43′ 17″ Tuath agus 4° 57′ 18″ Iar.

Tha e cho farsaing ri 313 heactair ceàrnagach de mheud. 'S e an cnoc far a bheil an taigh-solais suidhichte an t-àite as àirde air an eilean, tha e 123 m os cionn na mara.

Chan eil cruth na tìre aige coltach ris na h-eileanan a tha faisg air. Tha tòrr sgeirean agus creagan aige. Tha an cuid as motha an eilein à Carboniferous basalt.

Tha cuid eileanan beaga air chosta an ear an eilein, Eilean a' Chaisteil, Broad Islands agus Trail Isle.

Ged a bha 6 daoine a' fuireach ann an Cumaradh Beag ann an 1991, cha robh duine sam bith a' fuireach ann ann an 2001.[1]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Haswell-Smith, Hamish, (2008): The Scottish Islands, Edinburgh, Canongate; duilleag 18

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NS 144 515