Inbhir Àir
Inbhir Àir
| |||||
![]() | |||||
![]() | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Alba | ||||
Ceàrn | Siorrachd Inbhir Àir | ||||
Co-chomharran | 55° 27′ 30.78″ Tuath 4° 37′ 47.36″ Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Àireamh-shluaigh | 46,050 (2006) | ||||
Àireamh fòn | 01292 | ||||
Duilleag oifigeil | www.south-ayrshire.gov.uk |
'S e baile ann a deas na h-Alba a th' ann an Inbhir Àir (Beurla: Ayr). Tha an ath ann an deas de Inbhir Àir baile beag agus iomall baile, Allmhaigh, ceangailte ri Raibeart Burns. Tha am prìomh-oifis do Chomhairle Shiorrachd Àir a Deas ann agus bha prìomh-oifis do Shiorrachd Inbhir Àir ann. Tha e faisg air Preastabhaig agus am Port Adhair Preastabhaig.
Còmhdhail[deasaich | deasaich an tùs]
Tha trì rathaidhean mòra ann an Inbhir Àir:
- A79 — prìomh-rathad a' ceangail Inbhir Àir le Preastabhaig agus am port-adhair.
- A77(M77) — seach-rathad eadar Glaschu agus An t-Sron Reamhar.
- A70 — Inbhir Àir gu Dùn Èideann.
Tha seirbheisean trèana a' dol gu Stèisean Meadhan Ghlaschu gach leth-uair gach là o stèisean Inbhir Àir. Tha seirbheisean gu An t-Sròn Reamhar, Inbhir Gharbhain, Cille Mheàrnaig agus An Caisteal Nuadh ann cuideachd.
Gàidhlig[deasaich | deasaich an tùs]
Chaidh am Mòd Nàiseanta a chumail ann an Inbhir Àir anns a’ bhliadhna 1973.
Chaidh a’ chòisir Còisir Òg Ghàidhlig Inbhir ÀirTeamplaid:Fix/category[dead link] a chur air bhonn sna 1950an le Dòmhnall MacÌosaig à Diùra, aig an robh taigh-òsta an Durward air Prestwick Road. B’ e sàr sheinneadair ainmeil a bh' ann an Dòmhnall fhéin, anns na 1950an agus 1960an. Bha e pòsta aig Màiri Nic a' Mhaoilein, tè de pheathraichean Nic a’ Mhaoilein à Muile. Chaidh a' chòisir ma sgaoil ann am meadhan na 1960an nuair a chaochail Dòmhnall.
Spòrs[deasaich | deasaich an tùs]
Tha Inbhir Àir Aonaichte na sgioba ball-coise ann an Inbhir Àir is tha iad a' cluich aig Pàirc Somerset agus Dara Roinn na h-Alba. Tha am baile agus Siorrachd Inbhir Àir ainmeil airson Goilf agus tha am baile ainmeil airson cùrsa-rèis. Is e Ayr Racecourse an cùrsa-rèis as motha ann an Albainn.
Sgìrean Phàrlamaid[deasaich | deasaich an tùs]
- Inbhir Àir (sgìre Phàrlamaid na h-Alba)
- Inbhir Àir, Carraig agus Cumnaig (sgìre Phàrlamaid Westminster)