An t-Sròn Reamhar
An t-Sròn Reamhar | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh |
Siorrachd | Siorrachd Bhaile na h-Ùige |
Parraist | An t-Sròn Reamhar fhèin[1] |
Co-chomharran | 54° 53′ 60″ Tuath 05° 01′ 60″ Iar |
Comharradh-clèithe | NX 059 606 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 10,851 (2011[2]) |
Àireamh fòn | 01988 |
Còd-puist | DG9[3] |
‘S e baile meadhanach agus port gu math cudromach[4] faisg air Machair an Sgithich, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' anns An t-Sròin Reamhair[5] (IPA: ənˠ̪ t̪ʰɾɔːn ɾãũ.əɾ, Beurla: Stranraer, Beurla Ghallta: Stranrawer). Tha e suidhichte eadar ìre na mara fhèin shìos aig a' chidhe agus 23m os cionn ìre na mara shuas air a' bheinn,[6] eadar Loch Rìoghaine, Bàgh Luis agus Na Rannaibh, air an àirde an iar Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975). Tha e 309km air falbh bho Obar Dheathain, 118km bho Ghlaschu, 93km bho Dhùn Phrìs agus 165km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[7] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh anns An t-Sròin Reamhair. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus turasachd, gu h-àraidh na bàtaichean. Taobh fhoghlaim, tha còig bun-sgoiltean agus aon àrd-sgoil ann.[8]
Freumhan an Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à sròn agus reamhar anns a' Ghàidhlig fhèin a tha an t-ainm, leis gu bheil e ann an tairbeart nàdarra ri taobh nan Rannaibh.[9] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn, mòran bhliadhna an dèidh Chuimris, agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[10] A dh' aindeoin sin, tha cuid dhen beachd gur ann à seann chuimris a tha e, leis gu robh an cànan làidir air an àirde an iar-dheas na h-Alba an dèidh nan Ròmanach.[11] Tha cruth na tìre agus fuaimneachadh an ainm sa sgìre a' gabhail ris an teòiridh Ghàidhealach.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh baile a chlàradh faisg air Loch Rìoghaine le Ptolemy, ris an canadh Rerigonium, a tha a' ciallachadh Àite an Righ. Thathar dhen bheachd gur e An t-Sròn Reamhar neo Machair an Sgithich a bh' ann.[12] 'B e port-mara airson aiseig a tha ann. An sin bha seirbheis aiseagan a' ruith gu Beul-Feirste le Stena Line le seirbheisean gluasadach gu Machair an Sgithich ann an 2011. Ann an 1763 chaidh rathad a chruthachadh leis an arm eadar Port Phàdraig agus Cathair Luail, a dheidheadh tron t-Sròn Reamhar.[13] Bhathar ag iarraidh an rathad seo a chleachdadh airson Èirinn a cholonachadh. Bha e na Bhorgh Rìoghail le dleastanasan riaghlaidh eadar 1855 agus 1930, nuair a chuireadh às dhan t-siostam.[14]
Poileataigs
[deasaich | deasaich an tùs]Tha Comhairle Coimhearsnachd airson an Sròin Reamhair, Ochtrelure agus Belmont is tha 7,795 daoine a' fuireach ann.[15]
Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 01 (An t-Sròn Reamhar agus na Rannaibh) airson Comhairle na Roinne.[16]
Pàrtaidh | Ainm | Bhòtaichean | |
---|---|---|---|
Gun phàrtaidh | Willie Scobie | 1,925 | |
Tòraidheach | Andrew Giusti | 1,703 | |
Nàiseantaich | Ros Surtees | 765 | |
Làbaraich | Tommy Sloan | 312 |
Gnàth-shìde
[deasaich | deasaich an tùs]'S ann ann an sgìre mòran nas blàithe (Cuibheasachd bhliadhnail: 8.6 °C) agus mòran nas fhliche (Cuibheasachd bhliadhnail: 1087mm) an coimeas ris an còrr dhen dùthaich 's a tha An t-Sròn Reamhar. Tha sileadh trom ann, fiù 's fad na mìosan nas tioraim, leis nach eil e idir fad air falbh bhon mhuir air an àirde an iar na h-Alba. 'S e àite Cfb ann an sgèile Köppen-Geiger a th' anns An t-Sròin Reamhair.[17] Chan eil an t-sneachd idir pailt an seo. Tha diofar mhòr eadar am mìos as fhliche agus am mìos as tioraim: 57mm eadar an Cèitean (dìreach 62mm) agus an Dàmhair (119mm). Fad na bliadhna, bidh an teothachd ann am fiaradh mheadhanach: 11.4 °C.
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Arcgis
- ↑ Scotland's Census Result OnLine
- ↑ Post Code Maps
- ↑ Port na Sròine Reamhaire
- ↑ “Stranraer/An t-Sròn Reamhar”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 18mh dhen Dùbhlachd 2017.
- ↑ Falling rain
- ↑ Distance from - to
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ Studies in the Topography of Galloway, Sir Herbert Eustice Maxwell of Monreith, Constable, Dùn Èideann, 1887
- ↑ Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
- ↑ The Brittonic Language in the Old North
- ↑ Roman Britain
- ↑ Old Roads of Scotland
- ↑ NRS
- ↑ “My Community Council: Stranraer, Ochtrelure and Belmont”. Comhairle Dhùn Phris agus Gall-Ghaidhealaibh. Air a thogail 15mh dhen Dàmhair 2023.
- ↑ LGBC
- ↑ Climate Data
Achadh na Meilge • Àrd Bhaile • Baile Gheàrr Lios • Baile na h-Ùige • Baile Ùr Ghlinn Lus • Baile Ùr nan Stiùbhartach • Barrachan • Blaidneach • Càrn Rìoghain • Cille Chainneir • Cill Choluim • Cill Chomhghain • Cill na Tràghad • Clachan Ghlinn Lus • Damnaglaur • An Druim Mòr • Dùn Reichit • Eaglais Steafain • An Eilreig • Ervie • A' Ghlac • Na Lochain • Lios Uillt • Am Magh Crom • Am Monadh Rèidh • Port Neasaig • Port Phàdraig • Port Rosnait • Poll an Iùbhair • Sandhead • Soirbidh • An t-Sròn Reamhar • Whauphill • Whithorn