Jump to content

Eaglais Steafain

O Uicipeid
Eaglais Steafain

Map
54°50′13″N 4°58′37″W
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Bhaile na h-Ùige
Paraiste Eaglais Steafain fhèin[1]
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 1,235
Àireamh fòn 01988
Còd-puist DG9[2]

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Port Phàdraig, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Eaglais Steafain (Beurla/Beurla Ghallta: Stoneykirk). Tha e suidhichte aig 21m os cionn ìre na mara,[3] ann an ceann a tuath nan Rannaibh, eadar Sandhead agus Na Lochain, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975). Tha e 314km air falbh bho Obar Dheathain, 123km bho Ghlaschu, 91km bho Dhùn Phrìs agus 168km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann an Eaglais Steafain. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus turasachd. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoil ann agus le sin feumar a dhol dhan bhun-sgoil anns an Druim Mhòr[5] agus dhan àrd-sgoil anns An t-Sròin Reamhair.[6]

Freumhan an Ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann às an ainm Steafain anns a' Gàidhlig neo Steenie anns a Bheurla Ghallta tha an t-ainm.[7] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn[8] agus bha an dà chànan gam bruidhinn fad iomadh bhliadhna san sgìre.

Chaidh an t-ainm a chlàradh airson a' chiad turas mar Stanacra ann an 1276.[9]

Poileataigs

[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd na h-Eaglaise Steafain fhèin a bhuineas Eaglais Steafain, a ghabhas a-steach Àrd Bhaile agus Sandhead. Tha 1,060 duine a' fuireach san sgìre air fad.[10] Tha 12 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann an Talla na h-Eaglaise, ann an Sandhead. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 02 (Wigtown an Iar) airson Comhairle na Roinne.[11]

Gnàth-shìde

[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann ann an sgìre mòran nas blàithe (Cuibheasachd bhliadhnail: 8.6 °C) agus mòran nas fhliche (Cuibheasachd bhliadhnail: 1087mm) an coimeas ris an còrr dhen dùthaich 's a tha Eaglais Steafain. Tha sileadh trom ann, fiù 's fad na mìosan nas tioraim, leis nach eil e idir fad air falbh bhon mhuir air an àirde an iar na h-Alba. 'S e àite Cfb ann an sgèile Köppen-Geiger a th' ann an Eaglais Steafain.[12] Chan eil an t-sneachd idir pailt an seo.

Tha diofar mhòr eadar am mìos as fhliche agus am mìos as tioraim: 57mm eadar an Cèitean (dìreach 62mm) agus an t-Samhain (119mm). Fad na bliadhna, bidh an teothachd ann am fiaradh mheadhanach: 11.5 °C.

Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha seirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. ↑ Arcgis
  2. ↑ Post Code Maps
  3. ↑ Elevation Map
  4. ↑ Distance from - to
  5. ↑ A' Chomhairle
  6. ↑ Stranraer Academy
  7. ↑ Studies in the Topography of Galloway, Sir Herbert Eustice Maxwell of Monreith, Constable, Dùn Èideann, 1887
  8. ↑ Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  9. ↑ Saint Places
  10. ↑ A' Chomhairle
  11. ↑ “Dumfries and Galloway Wards 2007”. Local Government Boundary Commission for Scotland. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2017.
  12. ↑ Climate Data
  13. ↑ Còmhdhail na Comhairle