Baile Gheàrr Lios
Baile Gheàrr Lios | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Siorrachd | Siorrachd Bhaile na h-Ùige |
Parraist | Soirbidh[1] |
Co-chomharran | 54° 46′ 60″ Tuath 04° 22′ 00″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | 01988 |
Còd-puist | DG8[2] |
‘S e baile beag dùthchasail agus port faisg air Soirbidh, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann am Baile Gheàrr Lios (Beurla/Beurla Ghallta: Garlieston).[3] Tha e suidhichte shìos air a' chladaich aig ìre na mara,[4] air Leth-eilean na Machrach, far a shruthas an Allt Cill Fhilleinn gu màthair-uisge na Linne Shalmhaigh aig Bàgh na Geàrr Lios, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975), eadar [[Whithorn] agus Blaidneach. Tha e 299km air falbh bho Obar Dheathain, 120km bho Ghlaschu, 58km bho Dhùn Phris agus 150km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann am Baile Gheàrr Lios. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus turasachd. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann[5] ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach.[6]
Freumhan an Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à Garbh/Gèarr agus lios anns a' Ghàidhlig fhèin agus ton (baile) sa Bheurla a th' ann an ainm a' bhaile. Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[7] Tha ainmean-àite measgaichte mar sin gu math pailt ann an Alba.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]B' e am baile a bu bheairtiche na Machrach a bh' ann fad an 18mh linn, nuair a bha an sgìre ann an teis-mheadhain mhalairt. Thòisicheadh leasachadh a' bhaile anns na 1760an nuair a thogadh iomadh taigh spaideal.[8] Chaidh am port agus an cidhe a leasachadh ann an 1815, a' cleachdadh prìosanaich às An Fhraing mar luchd-obrach. Ràinig an Rèile dhan bhaile ann an 1876, a thug piseach mòr air malairt san sgìre.[9] Chaidh an eaglais a chithear an-diugh a thogail ann an 1876 cuideachd. B' e D. Thomson an ailtire.[10]
Poileataigs
[deasaich | deasaich an tùs]'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Bhaile Gheàrr Lios fhèin a bhuineas Baile Gheàrr Lios, a ghabhas a-steach an sgìre mu timcheall a' bhaile. Tha dìreach 415 duine a' fuireach san sgìre air fad.[11] Tha 12 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann Talla Stuaim, ann am Baile Gheàrr Lios. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 03 (Meadhan Ghall-Ghàidhealaibh) airson Comhairle na Roinne.[12]
Gnàth-shìde
[deasaich | deasaich an tùs]'S ann ann an sgìre mòran nas blàithe (Cuibheasachd bhliadhnail: 8.6 °C) agus mòran nas fhliche (Cuibheasachd bhliadhnail: 1059mm) an coimeas ris an còrr dhen dùthaich]'s a tha Baile Gheàrr Lios. Tha sileadh trom ann, fiù 's fad na mìosan nas tioraim, leis nach eil e idir fad air falbh bhon mhuir air an àirde an iar na h-Alba. 'S ann gu math stoirmeil 's a tha e agus bidh gailleannan ann fad na bliadhna. 'S e àite Cfb ann an sgèile Köppen-Geiger a th' ann an Baile Gheàrr Lios.[13] Chan eil an t-sneachd idir pailt an seo. Tha diofar mhòr eadar am mìos as fhliche agus am mìos as tioraim: 56mm eadar an t-Ògmhios (dìreach 61mm) agus an Dàmhair (120mm). Fad na bliadhna, bidh an teothachd ann am fiaradh mheadhanach: 11.7 °C.
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]Còmhdhail
[deasaich | deasaich an tùs]Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha dà sheirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:
- 415 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Whithorn - An t-Sròn Reamhar.
- 416 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Machair.[14]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Arcgis
- ↑ Post Code Maps
- ↑ “Baile Gheàrr Lios”. Stòr-dàta Briathrachais Gàidhlig. Sabhal Mòr Ostaig. Air a thogail 17mh dhen t-Sultain 2023.
- ↑ Falling Rain
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ “Douglas Ewart High School”. Douglas Ewart High School. Air a thogail 17mh dhen t-Sultain 2023.
- ↑ Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
- ↑ Indefatigable
- ↑ David L Smith, Tales of the Glasgow and South Western Railway, Ian Allan Limited, Lunnainn
- ↑ Scotland's Churches
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ “Dumfries and Galloway Wards 2007”. Local Government Boundary Commission for Scotland. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2017.
- ↑ Climate Data
- ↑ Còmhdhail na Comhairle
Achadh na Meilge • Àrd Bhaile • Baile Gheàrr Lios • Baile na h-Ùige • Baile Ùr Ghlinn Lus • Baile Ùr nan Stiùbhartach • Barrachan • Blaidneach • Càrn Rìoghain • Cille Chainneir • Cill Choluim • Cill Chomhghain • Cill na Tràghad • Clachan Ghlinn Lus • Damnaglaur • An Druim Mòr • Dùn Reichit • Eaglais Steafain • An Eilreig • Ervie • A' Ghlac • Na Lochain • Lios Uillt • Am Magh Crom • Am Monadh Rèidh • Port Neasaig • Port Phàdraig • Port Rosnait • Poll an Iùbhair • Sandhead • Soirbidh • An t-Sròn Reamhar • Whauphill • Whithorn