Port Phàdraig
Port Phàdraig | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Siorrachd | Siorrachd Bhaile na h-Ùige |
Parraist | Port Phàdraig fhèin[1] |
Co-chomharran | 54° 51′ 00″ Tuath 05° 07′ 00″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 585 (2001) |
Àireamh fòn | 01988 |
Còd-puist | DG9[2] |
‘S e baile beag dùthchasail faisg air An t-Sròin Reamhair, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann am Port Phàdraig (Beurla/Beurla Ghallta: Portpatrick). Tha e suidhichte eadar ìre na mara shìos air a' chidhe agus 35m shuas air a' bheinn[3] ann an cridhe nan Rannaibh, eadar A' Ghlac agus Eaglais Steafain, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975). Tha e 318km air falbh bho Obar Dheathain, 126km bho Ghlaschu, 100km bho Dhùn Phrìs agus 174km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann am Port Phàdraig. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus turasachd. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann[5] ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil anns An t-Sròin Reamhair.[6]
Freumhan an Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à port agus Pàdraig anns a' Gàidhlig a tha an t-ainm.[7] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[8]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh am baile a chlàradh ann an 1646 mar Port Fadrick[9] agus mar Poirt Fadrick ann an 1654,[10] a sheallas cho Gàidhealach 's a bha an t-àite uaireigin. Chaidh a stèidheachadh mar bhaile-iasgaich, air sgàth 's gu bheil port-mara nàdarra aige. Bha aiseagan a' ruith eadar Port Phàdraig agus Èirinn a Tuath airson bathar agus litrichean. Ach aig deireadh na 19mh linn, nuair a chleachdadh bàtaichean nas motha, bha trioblaid aca am port-mara a' ruigsinn air sgàth 's a' ghaoth làidir a tha a' tighinn bhon àirde an iar. Mar sin dheth ghuais an gnìomhachas seo chun an t-Sròin Reamhair. Tha tobhtaichean dhen Dunskey Castle mu leth mhìle deas air Port Phàdraig. Chaidh an caisteal a thogail anns an 16mh linn. Ann an 1763 chaidh rathad a chruthachadh leis an arm eadar Port Phàdraig agus Cathair Luail.[11] Bhathar ag iarraidh an rathad seo a chleachdadh airson Èirinn a cholonachadh. Chaidh an sreath telebhisein Two Thousand Acres of Sky fhilmeadh an seo agus ann am Port Neasaig eadar 2001 agus 2003.[12]
Poileataigs
[deasaich | deasaich an tùs]'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Phort Phàdraig fhèin a bhuineas Port Phàdraig, a ghabhas a-steach sgìre na mòintich gu tuath. Tha 840 duine a' fuireach san sgìre air fad.[13] Tha 12 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann an Talla a' Bhaile ann am Port Phàdraig. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 01 (An t-Sròn Reamhar agus na Rannaibh) airson Comhairle na Roinne.[14]
Pàrtaidh | Ainm | Bhòtaichean | |
---|---|---|---|
Gun phàrtaidh | Willie Scobie | 1,925 | |
Tòraidheach | Andrew Giusti | 1,703 | |
Nàiseantaich | Ros Surtees | 765 | |
Làbaraich | Tommy Sloan | 312 |
Gnàth-shìde
[deasaich | deasaich an tùs]'S ann ann an sgìre mòran nas blàithe (Cuibheasachd bhliadhnail: 8.4 °C) agus mòran nas fhliche (Cuibheasachd bhliadhnail: 1127mm) an coimeas ris an còrr dhen dùthaich 's a tha Port Phàdraig. Tha sileadh uabhasach trom ann, fiù 's fad na mìosan nas tioraim, leis nach eil e idir fad air falbh bhon mhuir air an àirde an iar na h-Alba. 'S e àite Cfb ann an sgèile Köppen-Geiger a th' ann am Port Phàdraig.[15] Chan eil an t-sneachd idir pailt an seo. Tha diofar mhòr eadar am mìos as fhliche agus am mìos as tioraim: 57mm eadar an Cèitean (dìreach 64mm) agus an Dàmhair/an t-Samhain (121mm). Fad na bliadhna, bidh an teothachd ann am fiaradh mheadhanach: 11.4 °C.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Arcgis
- ↑ Post Code Maps
- ↑ Falling rain
- ↑ Distance from - to
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ Stranraer Academy
- ↑ Studies in the Topography of Galloway, Sir Herbert Eustice Maxwell of Monreith, Constable, Dùn Èideann, 1887
- ↑ Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
- ↑ Studies in the Topography of Galloway, Sir Herbert Eustice Maxwell of Monreith, Constable, Dùn Èideann, 1887
- ↑ Saint Places
- ↑ Old Roads of Scotland
- ↑ Scotland the Movie
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ LGBC
- ↑ Climate Data
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NX 001 544
- Undiscovered Scotland - Port Phàdraig
Achadh na Meilge • Àrd Bhaile • Baile Gheàrr Lios • Baile na h-Ùige • Baile Ùr Ghlinn Lus • Baile Ùr nan Stiùbhartach • Barrachan • Blaidneach • Càrn Rìoghain • Cille Chainneir • Cill Choluim • Cill Chomhghain • Cill na Tràghad • Clachan Ghlinn Lus • Damnaglaur • An Druim Mòr • Dùn Reichit • Eaglais Steafain • An Eilreig • Ervie • A' Ghlac • Na Lochain • Lios Uillt • Am Magh Crom • Am Monadh Rèidh • Port Neasaig • Port Phàdraig • Port Rosnait • Poll an Iùbhair • Sandhead • Soirbidh • An t-Sròn Reamhar • Whauphill • Whithorn