Jump to content

Damnaglaur

O Uicipeid
Damnaglaur

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Bhaile na h-Ùige
Paraiste Cill m' Èataine[1]
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh
Àireamh fòn 01776
Còd-puist DG9[2]

‘S e baile beag dùthchasail faisg air An Druim Mòr, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Damnaglaur. Tha e suidhichte aig 95m os cionn ìre na mara,[3] anns Na Rannaibh, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975, eadar Maol nan Gall agus Àrd Bhaile. Tha e 326km air falbh bho Obar Dheathain, 138km bho Ghlaschu, 94km bho Dhùn Phrìs agus 179km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann an Damnaglaur. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus coilltearachd. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoil ann agus le sin feumar a dhol dhan bhun-sgoil anns An Druim Mhòr[5] agus dhan àrd-sgoil anns An t-Sròin Reamhar.[6]

Poileataigs

[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Chille m' Èataine a bhuineas Damnaglaur, a ghabhas a-steach Port Neasaig, An Druim Mòr agus sgìre mhòr ann an ceann a deas nan Rannaibh. Tha 810 duine a' fuireach san sgìre air fad.[7] Tha naoinear comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann am bun-sgoil an Droma Mhòir. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 02 (Wigtown an Iar) airson Comhairle na Roinne.[8]

Chan eil seirbheis rèile neo bus ann idir.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. ↑ Arcgis
  2. ↑ Post Code Maps
  3. ↑ Elevation Map
  4. ↑ Luftlinie
  5. ↑ A' Chomhairle
  6. ↑ Stranraer Academy
  7. ↑ A' Chomhairle
  8. ↑ “Dumfries and Galloway Wards 2007”. Local Government Boundary Commission for Scotland. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2017.