Soirbidh

O Uicipeid
Soirbidh
Cruggleton Church - geograph.org.uk - 1282482.jpg
Mapa Shoirbidh ann an DG.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Scotland.svg Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Bhaile na h-Ùige
Parraist Soirbidh[1]
Co-chomharran 54° 46′ 60″ Tuath
04° 25′ 60″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01988
Còd-puist DG8[2]

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Baile Gheàrr Lios, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Soirbidh' neo Sorbaidh (Beurla/Beurla Ghallta: Sorbie). Tha e suidhichte aig 23m os cionn ìre na mara,[3] air Leth-eilean na Machrach, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975), eadar Taigh Mhàrtainn agus Cille Chainneir. Tha e 300km air falbh bho Obar Dheathain, 120km bho Ghlaschu, 61km bho Dhùn Phrìs agus 151km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann an Soirbidh. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus turasachd. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann[5] ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach.[6]

Freumhan an Ainm[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à soir anns a' Ghàidhlig fhèin agus bie à Lochlannais a th' ann ainm a' bhaile. Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[7]

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Ràinig an Rèile dhan bhaile ann an 1875, a thug piseach mòr air malairt san sgìre.[8]

Poileataigs[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Shoirbidh a bhuineas Soirbidh, a ghabhas a-steach an sgìre mu timcheall a' bhaile. Tha dìreach 257 duine a' fuireach san sgìre air fad.[9] Tha 12 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 03 (Meadhan Ghall-Ghàidhealaibh) airson Comhairle na Roinne.[10]

Gnàth-shìde[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann ann an sgìre mòran nas blàithe (Cuibheasachd bhliadhnail: 8.5 °C) agus mòran nas fhliche (Cuibheasachd bhliadhnail: 1079mm) an coimeas ris an còrr dhen dùthaich 's a tha Soirbidh. Tha sileadh uabhasach trom ann, fiù 's fad na mìosan nas tioraim, leis nach eil e idir fad air falbh bhon mhuir air an àirde an iar na h-Alba. 'S e àite Cfb ann an sgèile Köppen-Geiger a th' ann an Soirbidh.[11] Chan eil an t-sneachd idir pailt an seo. Tha diofar mhòr eadar am mìos as fhliche agus am mìos as tioraim: 60mm eadar an Giblean (dìreach 61mm) agus an Dàmhair/an t-Samhain (121mm). Fad na bliadhna, bidh an teothachd ann am fiaradh mheadhanach: 11.6 °C.

Sileadh agus Teothachd ann an Soirbidh.jpg

Còmhdhail[deasaich | deasaich an tùs]

Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha dà sheirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:

  • 415 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Taigh Mhàrtainn - An t-Sròn Reamhar.
  • 416 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Machair.[12]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Arcgis
  2. Post Code Maps
  3. Falling Rain
  4. Distance from to
  5. Foghlam Alba
  6. Douglas Ewart High SchoolTeamplaid:Fix/category[dead link]
  7. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  8. David L Smith, Tales of the Glasgow and South Western Railway, Ian Allan Limited, Lunnainn
  9. A' Chomhairle
  10. Dumfries and Galloway Wards 2007”. Local Government Boundary Commission for Scotland. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2017.
  11. Climate Data
  12. Còmhdhail na Comhairle