Cill na Tràghad
Cill na Tràghad | |
![]() | |
![]() | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | ![]() |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Siorrachd | Siorrachd Bhaile na h-Ùige[1] |
Parraist | Am Magh Crom |
Co-chomharran | 54° 75′ 89″ Tuath 04° 58′ 87″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | 01988 |
Còd-puist | DG8[2] |
Duilleag oifigeil | Duilleag a' bhaile |
‘S e baile beag dùthchasail agus port faisg air Taigh Mhàrtainn, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Cill na Tràghad (Beurla: Port William, Beurla Ghallta: Kilantrae). Tha e suidhichte aig 11m os cionn ìre na mara,[3] ann an ceann a deas Leth-eilean na Machrach, eadar An Eilreig agus Am Monadh Rèidh, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975. Tha e 308km air falbh bho Obar Dheathain, 125km bho Ghlaschu, 72km bho Dhùn Phrìs agus 159km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann an Cill na Tràghad. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, turasachd agus iasgach. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann[5] ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach.[6]
Freumhan an Ainm[deasaich | deasaich an tùs]
A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à cill agus tràigh anns an tuiseal ghinideach anns a' Ghàidhlig fhèin a th' ann ainm a' bhaile.[7] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[8] Chaidh ainm sa Bheurla atharrachadh le Uilleam MacSuaile, an t-uachdaran a leasaich an cidhe.
Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]
Bha baile beag ann o shean ach chaidh a leagail agus ath-thogail eadar 1771 agus 1776 leis a' Mhorair Uilleam MacSuaile, a thug ainm ùr dhan bhaile sa bheurla.
Poileataigs[deasaich | deasaich an tùs]
'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Chille na Tràghad fhèin a bhuineas Cill na Tràghad, a ghabhas a-steach Barrachan, An Eilreig, Am Magh Crom agus Am Monadh Rèidh cuideachd. Tha 885 duine a' fuireach san sgìre air fad.[9] Tha 18 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann an Talla MhicShuail ann an Cill na Tràghad. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 02 (Siorrachd Bhaile na h-Ùige an Iar) airson Comhairle na Roinne. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 02 (Wigtown an Iar) airson Comhairle na Roinne.[10]
Còmhdhail[deasaich | deasaich an tùs]
Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha dà sheirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:
- 415 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Machair.
- 416 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Taigh Mhàrtainn - An t-Sròn Reamhar.[11]
Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]
- ↑ Arcgis
- ↑ Post Code Maps
- ↑ Mongabay
- ↑ Distance from - to
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ Douglas Ewart High SchoolTeamplaid:Fix/category[dead link]
- ↑ Studies in the Topography of Galloway, Sir Herbert Eustice Maxwell of Monreith, Constable, Dùn Èideann, 1887
- ↑ Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ “Dumfries and Galloway Wards 2007”. Local Government Boundary Commission for Scotland. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2017.
- ↑ Còmhdhail na Comhairle
Achadh na Meilge • Àrd Bhaile • Baile Gheàrr Lios • Baile na h-Ùige • Baile Ùr Ghlinn Lus • Baile Ùr nan Stiùbhartach • Barrachan • Blaidneach • Càrn Rìoghain • Cille Chainneir • Cill Choluim • Cill Chomhghain • Cill na Tràghad • Clachan Ghlinn Lus • Damnaglaur • An Druim Mòr • Dùn Reicheit • Eaglais Steafain • An Eilreig • Ervie • A' Ghlac • Na Lochain • Lios Uillt • Am Magh Crom • Am Monadh Rèidh • Port Neasaig • Port Phàdraig • Port Rosnait • Poll an Iùbhair • Sandhead • Soirbidh • An t-Sròn Reamhar • Taigh Mhàrtainn • Whauphill